Karlskrona

‘S e baile meadhanach agus port na Suaine a th’ ann an Karlskrona (IPA: kɑːɭsˌkruːna).

Karlskrona
Karlskrona
Gearradh-arm
no Seula
Karlskrona
Karlskrona
Suidheachadh
Dùthaich Karlskrona An t-Suain
Ceàrn Karlskrona Blekinge
Sgìre Karlskrona Blekinge län
Co-chomharran 56° 09 39′ Tuath
15° 35 10′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 21.72 km²
Àireamh-shluaigh 35,212 (2010)
Dlùths 1,621.18/km²
Àireamh fòn (+46) 0455
Duilleag oifigeil http://www.karlskrona.se/

Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha air feadh 30 eilean san innis-mhuir Bhelkinge, ri taobh na Mara Bhaltaich eadar Kalmar agus Malmö, anns an sgìre Blekinge län, 382km air falbh bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha, 429km bho Uppsala agus 279km bho Ghöteborg. Tha 35,212 duine a' fuireach ann. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1680.

Freumhan an ainm

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à krona (Gàidhlig: crùn) agus Karl (Teàrlach) ann an Suainis a tha an t-ainm. Bheireadh sin Crùn Theàrlaich dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Eachdraidh

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1680 leis an rìgh Karl XI na Suaine mar Bhunait a' Chabhlaich leis gur robh an Danmhairg air sgìrean mòra ann an Skåne a thoirt air falbh bhon t-Suain agus mar sin bha an Danmhairg na chunnart do chumhachd na Suaine ann an Lochlann agus sa Mhuir Bhaltach. A bharrachd air sin, bha deigh na trioblaid dhan Chabhalach fad na geamhraidh shuas ann an Stockholm. Chaidh ainmeachadh an dèidh a’ bhaile Landskrona faisg air Malmö. Chaidh gàrradh-shoithichean a thogail an seo agus ann an 1711 bha corr is mìle duine ag obair ann, an t-àite-obrach na bu mhotha na dùthcha aig an àm. Ann an 1750 bha mu 10,000 duine a’ fuireach sa bhaile mar-thà. Ann an 1981, ghabh bàta-aigeil an Aonaidh Shobhiat air sgeir faisg air Karlskrona.

Daoine ainmeil

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Karlskrona Freumhan an ainmKarlskrona EachdraidhKarlskrona Daoine ainmeilKarlskrona IomraidheanKarlskrona Ceanglaichean a-machKarlskrona1680An t-SuainBaileBlekinge länDùthaichEileanGöteborgIPAInnis-mhuirKalmarMalmöMuir BaltachPortStockholmUppsala

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

George H. W. BushBreatainn Mhòr4 an t-Ògmhios1912Ceòl780PopayánPoilisacaraidGàidhlig na h-ÈireannAlbertaWiccaCroitearachdEalain-lèirsinneachCailein T. MacCoinnichCian-chonaltradhÀrsaidheachd9 an LùnastalLon dubh15 am FaoilleachGeòlasMiotas-eòlas1627AlbaProbhaistAn Talamh (planaid)1956Iain Eairdsidh MacAsgaillBun-reachdFionnlannaisJohn Paul JonesNa h-Eileanan FilipineachEilean MhanainnTutankhamunDuais Nobel ann am FiosaigsAstràiliaSòisealachd Libeirtèireach1695EaconomaidhBall-coise12 an t-ÒgmhiosAfragaPaul KarrerCruitCoimpiutaireachdVizcaya (provincia)Frederick John Robinson, 1d Biocas GoderichFèineag1520José Vicente ConchaHionduthachdUicipeidRaibeart I na h-AlbaSvalbard1835An t-Àrd RuighArgonColannLiosta dhaoine às a' ChuimrighEl Salbhador🡆 More