Am Briogadiar Iain Macphàrlain: Saighdear agus craoladair

Rugadh am Briogadiar Iain MacPhàrlain (Beurla: John Malcolm MacFarlane) ann an Tobar Mhoire ann am Muile sa bhliadhna 1939, agus a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan aige.

Iain MacPhàrlain (am Briogadiar)
Beatha
Breith Tobar Mhoire, 1939
Dùthaich Am Briogadiar Iain Macphàrlain: Saighdear agus craoladair Alba
Bàs Taigh an Uillt, 8 dhen Chèitean 2023
Dreuchd

An dèidh oideachadh ann an Sgoil Thobar Mhoire, Àrd-sgoil an Òbain is Oilthigh Ghlaschu, far na cheumnaich e ann an Nua-chànain, rinn e seirbheis fad barrachd air trithead bliadhna ann an Arm Bhreatainn, a’ leigeil dheth a dhreuchd mar Stiùiriche Foghlaim is Sheirbheisean Trèanaidh (san Arm) ann am Ministrealachd an Dìona. Na chùrsa-bheatha, bha e aig bun ’na eòlaiche cànain a chaith móran den ùine aige ann am puist co-cheangailte ri cànan agus brath, an dà chuid san Rìoghachd Aonaichte agus thall thairis.

An déidh dha an t-Arm fhàgail an 1994, bha puist aige anns an t-saoghal Arabach, ach chaidh e air chluainidh a dh’Earra-Ghàidheal far an robh e a’ cur seachad a thìde aig an taigh an Taigh an Uillt le chèile Valerie. Bha e gu tric a’ nochdadh ann an craoladh Gàidhlig, an dà chuid TBh is rèidio, far am biodh a dhualchainnt Earra-Ghàidhealach agus a chuid eòlais air beul-aithris na sgìre nam buannachd dha.

Bha e na fhear-eachdraidh ionadail aig a bheil ùidh àraidh ann an ainmean-àite, agus is ann tric a bhiodh e ri coiseachd nam beann; agus bho àm gu àm bhiodh e ag iasgach nam breac. Bha e aig stiùir iomadach buidheann ionadail, agus bha e a’ seinn beus ann an Còisir Ghàidhlig Thaigh an Uillt agus ann an Còisir Àrd-eaglais an Naoimh Eòin an Òbain, is e na bhall dealasach den choitheanal an sin. Chaidh Duais nan Sàr-Gàidheal a bhuaileachadh air le Sabhal Mòr Ostaig ann an 2018.

Chaochail e 8 an Cèitean 2023.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

MuileTobar Mhoire

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

CreideamhDreuchdanSeattle, Washington998Dùthchannan an t-SaoghailFeallsanaicheSweyn HolmUicipeidGualanSérigny (Orne)LuhanskFeurNational Diet LibraryRèabhlaideachKatharine HepburnTUCCroataisPoblachd nan Seachd Roinnean AonaichteAiltireachdDuthaichMaltaisMilano1653EuroAn Ostair22 an t-SamhainTutankhamunEachdraidhCànanachasMusicBrainz1977Teòthachd194017954 am MàrtCairoCànanan SlàbhachSalvador Dalí1960an1174BerneAfraga-EoràisiaBarraighAm Muir CaraibeachBrunswick NuadhParisCogadhJuneteenthSileaconArthur BalfourCrioptonZAlan Turing912An t-SèirbCristoforo ColomboCSSCalbhanaichGoAntonín DvořákBaile Guatemala1716Meanbh-fhrìdeEsperanto2009Carles Puigdemont i CasamajóIain Eairdsidh MacAsgaillPenn-ar-BedAstràilia a DeasNa Tìrean ÌsleRiaghaltas na h-AlbaTurku19 an Lùnastal🡆 More