Hechingen

‘S e baile meadhanach faisg air Sigmaringen ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann an Hechingen.

Hechingen
Hechingen
Gearradh-arm
no Seula
Hechingen
Hechingen
Suidheachadh
Dùthaich Hechingen A' Ghearmailt
Ceàrn Hechingen Tübingen
Sgìre Hechingen Baden-Württemberg
Co-chomharran 48° 21 06' Tuath
08° 57' 48 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 66.44 km²
Àireamh-shluaigh 18,741 (2013)
Dlùths 282.07/km²
Àireamh fòn +49 (0)7471 agus (0)7477
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

Tha e suidhichte aig 328m os cionn ìre na mara, aig comar nan aibhnichean Reichenbach agus Feilbach leis an abhainn Starzel, faisg air na Beanntan Schwäbischer Alb, anns an stàit Baden-Württemberg. Tha am baile 50km air falbh bho Stuttgart, 77km bho Ulm, 195km bho Mhünchen agus 561km bho Bherlin. Tha 18,741 duine a' fuireach ann. Chaidh Hechingen a chlàradh airson a’ chiad turais ann an 786 le manaich à St. Gallen (An Eilbheis) mar Hahhingum agus thog an t-Iarla Hohenzollern caisteal shuas air a' bheinn os cinn a' bhaile ann an 1255. Chaidh a chuairteachadh le feachdan an Diùc Eberhard II à Württemberg ann an 1388 ach dh' fhàilnich an oidhirp. Rinn teine mòr lèir sgrios an seo ann an 1401 agus bha tòrr thrioblaid aig a' bhaile a thaobh airgid air sàilleabh sin fad iomadach bliadhna. B' e prìomh-bhaile Hohenzollern-Hechingen a bh' ann bho 1567 gu ruige deireadh na stàite ann an 1849. Cha do ghabh sluagh na sgìre leis an Ath-leasachadh. Thug Arm na Suaine ionnsaigh air Hechingen ann an 1632 ach dh' fhàilnich iad. Ghèill e gu saighdearan à Württemberg ann an 1634 agus rinn A' Phlàigh droch mhilleadh dhan sluagh ann an 1635. Thoisich Iùdhaich a' tighinn dhan bhaile san 18mh Linn an dèidh còrr is ceud bliadhna às an aonais. Ann an 1842 bha 809 dhuibh a' fuireach ann, neo ¼ nan daoine uile gu lèir, ged a chaidh na h-àireamhan seo sìos fad an 19mh Linn. Chaidh 32 Iùdhaich à Hechingen a thoirt gu campaichean na Mairbh ri linn An Dàrna Cogaidh.

Bailtean Co-cheangailte

  • Hechingen  Hódmezővársárhegy
  • Hechingen  Limbach-Oberfrohna

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

1255140115671632163416351842184918mh Linn19mh Linn7861388A' GhearmailtAbhainnAn Dàrna CogadhAn EilbheisAn t-Ath-LeasachadhAn t-SuainBaden-WürttembergBaileBeinnBerlinBliadhnaComarDiùcachd WürttembergIùdhachdManachMuirMünchenPrionnsalachd Hohenzollern-HechingenPrìomh-bhaileSaighdearSigmaringenSt. GallenStuttgartUlm

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

BliadhnaHindiLeabhar-eòlaisCòraichean daonnaIoslamGràdhBladeeWilhelm Conrad RöntgenUNASAAm FaoilleachTaghadh Albannach 2007Gàidhlig na h-ÈireannFarsaingeachdCarraig FhearghaisBulgàiria27 an Cèitean1649Crudha1998JLodainn an IarTrèanaSaarland2014A' BhruisealIosraelNollaigNa h-Eileanan SiarAn RuisSpringfield, Illinois1797Sasainn NuadhEaglais ChaitligeachCeilt-Ìbeiris18 an t-Ògmhios20041595HausbrunnBWashington (stàit)Lars OnsagerSpàinntis1320anDinnsearPoblachd na h-ÈireannAdolf Otto Reinhold WindausMCogadh Fuar94990Joy DunlopPoblachdPrìomh-bhaileEasag1591BerlinLope de VegaFòn-làimhGraeme DeyISluagh-phoblachd na Sìne8 an t-Samhain1936Àireamh-shluaighFir ChlisCànan1770anVirginiaFìdi1500Pàpa Pius V🡆 More