Gàidhlig Meadhan Na Mara

'S e Gàidhlig meadhan na mara an t-ainm a tha air dual-chainnt mheadhanach is thar-roinneil ùr na Gàidhlig.

Tha i stèidhichte air na prìomh dhual-chainntean a tha beò fhathast. Tha ainmean eile oirre aig daoine ann am Beurla no Gàidhlig cuideachd, can Mid-Minch Gaelic, Standard Hebridean, BBC Gaelic, Gàidhlig bhun-tomhasach (Standard Gaelic) no Gàidhlig Mheasgaichte (Mixed Gaelic).

Tha a' chuid as motha dhe na dual-chainntean a tha a' cur ris ann an Iar-thuath na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a' gabhail a-steach Ros an Iar, Na h-Eileanan Siar agus an t-Eilean Sgitheanach. Leis gu bheil iad ceithir timcheall a' Chuain Sgìth, 's e Gàidhlig meadhan na mara a tha aig daoine oirre.

Mar a thachras le rèidheachadh dhual-chainntean san fharsaingeachd, tha iomadh rud a' cur ris a' ghluasad seo, can fàs nam meadhanan Gàidhlig (leithid BBC Radio nan Gàidheal agus BBC Alba), fàs Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, crìonadh nan dual-chainntean aig an oir (m.e. ann an Cataibh no Siorrachd Pheairt) agus gluasad nan Gàidheal dha na bailtean mòra far an tachair daoine ri dual-chainntean eile.

Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig

A-rèir rannsachaidh, tha gu h-àraidh an claonadh sna sgoiltean a thaobh dual-chainntean nan tidsearan a' cur ris an rèidheachadh seo. Taobh a-staigh nam bun-sgoiltean air feadh Alba, 's e Gàidhlig Leòdhais a tha aig a' chuid as motha (25%), tha 21% ag ràdh nach eil dual-chainnt shònraichte aca, 17.5% le Gàidhlig Uibhist a Deas, 9% le Gàidhlig an Eilein Sgitheanaich agus mu 8% an tè aig Gàidhlig Bharraigh, na Hearadh 's Uibhist a Tuath.

Dh'fhoillsich rannsachadh Dr. Claire Nance gu bheil "blas Ghlaschu" aig oileanaich Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha an dual-chainnt seo fo bhuaidh Bheurla Ghlaschu; tha guth-cheòl na Beurla air agus chan eil ach trì sònarach (fuaimean "n," "l," is "r") ann. Tha trì fuaimean "n", trì no ceithir "l", agus trì "r" air cainnt luchd aig a tha Gàidhlig bho thùs.

Ceanglaichean a-mach

Tùsan

Cànanachas na Gàidhlig
Gàidhlig Àrsaidh Seann-Ghàidhlig Meadhan-Ghàidhlig Gàidhlig Meadhan Na Mara  Nuadh-Ghàidhlig Thràth Gàidhlig Chlasaigeach Gàidhlig
Fuaim-eòlas Fòn-eòlas Prosodaidh Gràmar Co-chàradh Seamantachd
Morf-eòlas Sòiseo-chànanachas Togail cànain Pragmatachd Saidhc-cànanachais Niùro-chànanachas
Dual-chainntean Gàidhlig meadhan na mara Rèimean-cainnte Gàidhlig nan Sgoiltean Gàidhlig na h-Eaglaise Briathrachas Ùr

Tags:

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

An t-Àrd RuighMosgo18 an Giblean1616George H. W. BushColannCeann-fionnEacuadorMonacoEadar-lìonNa Stàitean AonaichteJakartaAn t-SuainEuro1520AlbertaOld FirmLiosta dhaoine à AlbaAchd na Gàidhlig 2005CoimpiutaireachdNìgeiriaFèineagReykjavíkCroitearachd19mh Linn3 an CèiteanFergie Dòmhnallach1902Hermann HesseA' Bheurla Ghallda1335UicipeidSpàinntisGiùlanSasainn2014Carles Puigdemont i CasamajóAn Cogadh MòrZRìoghachd eSwatiniWiki CommonsJaén (provincia)VirginiaCatLon dubhUilleam Uallas633Rotterdam20 an LùnastalEaglais Fhìor Ìosa1627Breatainn MhòrAibidil EabhraEun-creachaidhMianmarCogaidhean na CroiseStefania TurkewichNa h-Eileanan Filipineach1894FiadhVictoria (na h-Eileanan Sheiseall)24 an GibleanUisge Dhè, Siorrachd Obair Dheathain🡆 More