Fionnlagh J. Macdhòmhnaill

B' e deasaiche, riochdaire telebhisein agus réidio a bh' ann am Fionnlagh J.

MacDhòmhnaill (1925-1987), no Fionnlagh Dòmhnallach (Beurla: Finlay J Macdonald).

Fionnlagh J. MacDhòmhnaill
Beatha
Breith Scarasta, 4 dhen Iuchar 1925
Dùthaich Fionnlagh J. Macdhòmhnaill Alba
Bàs 14 dhen Dàmhair 1987
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-naidheachd, deasaiche, preasantair telebhisein, pearsa rèidio agus riochdaire telebhisein
Fastaichean BBC Scotland  (1945 -
Gairm  (1951 -  1964)
IMDb nm2954093

Rugadh agus thogadh e ann an Scarasda, na Hearadh, ann an 1925. Bha Gàidhlig aige bho thùs. Fhuair e foghlam aig Sgoil Phort Rìgh agus aig Oilthigh Ghlaschu.

Obraichean

Chaidh e air a' BhBC ann an 1945. Bha e ag obair mar riochdaire telebhisein agus réidio, agus rinn e obair mhòr gus am bi barrachd spèis ann airson na Gàidhlig anns na meadhanan seo. Chuir e air dòigh Comann Dràma Gàidhlig. Bha e a' deasachadh iris Sgoil Phort Rìgh, "An Cabairneach". Sgrìobh e trì nobhailean ann am Beurla, 's iad a' dèiligeadh ris an dòigh-beatha anns na h-Eileanan Siar eadar an Cogadh Mòr agus an Dàrna Cogadh. Bha colbh-beachd seachdaineil aige ann an Weekly Scotland.

Gairm

Ann an 1951, chuir e agus Ruaraidh MacThòmais air dòigh Gairm, iris ràitheil Ghàidhlig. Bha i air a foillseachadh bho 1952 gu 2002. Mar a sgrìobh Ruaraidh MacThòmais:

"Chuir sinn Gairm air chois còmhla, agus 's iomadh feasgar is oidhche a bha sinn an sàs ann, anns na bliadhnachan tràtha sin. Bha fasan againn a bhith coinneachadh, nuair a bha dearbhaidhean a' chlò uile ri làimh, gus an ath àireamh a chur ri chèile. 'S ann an còmhnaidh air an fheasgar a thòisicheadh sinn, agus 's ann ainneamh a bhiodh an obair ullamh roimhe thrì no ceithir a dh'uairean an ath mhadainn." (Gairm 141, d. 11).

Bha an dithis aca nan luchd-deasachaidh gu ruige 1964. As dèidh sin, bha Ruaraidh MacThòmais a' deasachadh Gairm 'na aonar.

Leabhar-chlàr

  • Crowdie and Cream (1982)
  • Crotal and White (1983)
  • The Corncrake and the Lysander (1985)

Sgeulachdan-goirid

  • "Air Beulaibh an t-Sluaigh"

Filmichean

Mar riochdaire

  • A Boy in Harris 1966
  • Spindrift 1959
  • The Highlander 1959
  • Tolka Row 1959
  • The Twelve Pound Look 1957

Mar sgrìobhadair

  • Gruth is Uachdar 2002
  • The World About Us: The Corncrake and the Croft 1977

Mar neach-stiùiridh

  • The Twelve Pound Look 1957

Tùsan

Ceanglaichean a-muigh

  • The Corncrake and the Croft”. YouTube bhidio air Youtube. Air a thogail 10mh dhen Mhàrt 2018. (film goirid air a sgrìobhadh agus air aithris le Fionnlagh J. MacDhòmhnaill)


Tags:

Fionnlagh J. Macdhòmhnaill ObraicheanFionnlagh J. Macdhòmhnaill Leabhar-chlàrFionnlagh J. Macdhòmhnaill Sgeulachdan-goiridFionnlagh J. Macdhòmhnaill Filmichean[3]Fionnlagh J. Macdhòmhnaill TùsanFionnlagh J. Macdhòmhnaill Ceanglaichean a-muighFionnlagh J. MacdhòmhnaillBeurla

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

BocsaPoileataigsTutankhamun14 an LùnastalRuaraidh MacFhionghainArgonErwin SchrödingerMarxachasMatamataigearSeoulAdolf HitlerDeimosAn Aetiòp19561912Coinneach I na h-AlbaCogaidhean na CroiseLeabharlann Nàiseanta Poblachd na Seice20 an Lùnastal19 an Dùbhlachd1960Eadar-lìonFraingisAchd na Gàidhlig 2005Ealain-lèirsinneachMalairtRonaldinhoKarachiFionnlannaisCastelló (roinn)A' Chongo21 an Giblean24 an GibleanAn ÀithneCuan SèimhCorp-eòlas3 an CèiteanCailein T. MacCoinnichPoblachd na h-ÈireannSudanColannA' BheilgAlexei NavalnyPrìomh-DhuilleagJames K. PolkJohn Howard Northrop12 an Giblean4 an Giblean9 an LùnastalEaconomaidhTaylor SwiftPGealachHTML23 an Giblean30 an t-SultainAinmh-eòlasCòrn SasannachEòlas-comainnMonacoBun-reachdEun1838Fergie DòmhnallachBrabhsair-lìnJosé Vicente ConchaImmanuel Kant🡆 More