El Cocuy

'S e baile beag ann am Boyacá, Coloimbia, a th'ann El Cocuy.

El Cocuy
Mapa a' bhaile
El Cocuy
Sealladh air a' bhaile
El Cocuy
Suidheachadh
Dùthaich El Cocuy Coloimbia
Roinn El Cocuy Boyacá
Sgìre Gutiérrez
Àirde 2700m
Co-chomharran 06º 24' 48' Tuath
72' 26' 59' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 253 km²
Àireamh-shluaigh 5,582 (2005)
Dlùths 22.06/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha mu 500km air falbh bho Bhogotá. Tha àirde meadhanach dhe 2,700m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde fhuar a th' ann le teodhachd mu 14˚ thar cheann. A bharrachd air sin , tha teodhachd mu -3˚ ann air na beanntan mu thimcheall a' bhaile. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1679.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 5,582 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 2,902 a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an El Cocuy, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus o.1% dhedaoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87.8% dhe na daoine ann an El Cocuy leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 30.4% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an El Cocuy. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

Santos Gutiérrez Prieto (1820 - 1872): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1868 agus 1870.

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an El Cocuy

El Cocuy 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

El Cocuy Sluagh a bhaileEl Cocuy FèiseanEl Cocuy Daoine AinmeilEl Cocuy IomraidheanEl Cocuy Ceanglaichean A-machEl Cocuy1679BaileBogotáBoyacá (Roinn)ColoimbiaGnàth-shìde

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Hoilmium600an1064Ann Arbor, MichiganCofaidhPeairtPàpa Iain Pòl IWilliam Howard Taft12Neach-laghaCeap BreatainnBeulComainn & EagrachaidheanThessalonikiHollywood Walk of FameAtamSudàn a DeasConaltradhAgnostachdAn TruthailAmsterdamAn ArgantainAn Talamh (planaid)ÅlgårdPunnd Sasannach2003UllapulTaigh Iain Ghròt292Cabhsair Chanso1990AfraganaisPeatrail17 am MàrtRabindranath TagoreAntalopBoris JohnsonBaghdadFeòilIasgach716Airmeinia1272Virtual International Authority FileCultarAfraga-EoràisiaCSS809BeyoncéRhône-AlpesPuerto RicoBerneCogadh Sìobhalta na Spàinne1045Lùireach na dùthchaIasgKishinevMatamataigearAstràiliaValladolidSasainn Nuadh9/11BIBSYSMarcus AureliusA' Bheurla Ghallda21 an GearranSuainisqj6vgDonetsk (Donetska Oblast)Làn-thoradh DùthchailPàrtaidh Uaine na h-AlbaJeremy RennerACCeann Loch Chille Chiarain🡆 More