Comann Film Na Gàidhealtachd 'S Nan Eilean

Bhiodh Comann Film na Gàidhealtachd 's nan Eilean a’ toirt fhilmichean timcheall na Gàidhealtachd ’s nan Eilean ann an bhana agus gan taisbeanadh ann an tallaichean beaga.

Chaidh a stéidheachadh às dèidh an dàrna cogaidh ann an 1946; thàinig e gu ceann ann an 1971 ri linn telebhisean a bhith a’ fàs nas bitheanta, a dh’fhàg gu robh àireamh an luchd-amhairc air crìonadh. Do mhóran dhaoine ann an sgìrean dùthchail b’e na h-oidhcheanan a chaidh a chur air dòigh leis a’ chomann a’ chiad chothrom a bh’aca air film fhaicinn. Bha e a’ faighinn taic ionmhais phoblaich agus bhiodh filmichean leithid Laurel and Hardy, Whisky Galore, James Bond aca, a thuilleadh air aithrisean naidheachd.

Ceanglaichean a-mach

BBC Naidheachdan 2018-11-07: Fir an Taigh-dhealbh Bhig gan comharrachadh

Tags:

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

63173740AlbaHenri Bergson60Mìosachan GriogarachOilthigh LunnainnAstràilia5 an t-ÒgmhiosNa Stàitean Aonaichte2014ZaragozaGàidhlig26 am MàrtMayotteEadailtisIdahoSiostaman cho-chomharran82Forbes19691891An Ruis1998RiyadhWashington24 an GearranOscar WildeBohemiaDNicola SturgeonArgonJerseyÈirinn a Tuath192020071935DrochaidAn t-SuainU214Hànobhar19541995111938Taghadh ceannardas Partaidh Nàiseanta na h-Alba 2023KX195022191619701841Joe Biden1793Bànrigh Ealasaid II200020011984Ash ReganÒran165595An EadailtFìon1579EalainKharkivJazzCoirceAirmeinia1952Long991959🡆 More