'S e clò-bhualadh dòigh airson chopaidhean den theacsan agus ìomhaighean a dhèanamh air pàipear no stuth eile le dubh (no inc) a' chleachdach chlò-bheairt.
Tha na chiad eisimpleirean de chlò-bhualadh air fhàgail bho Shìona, bhon 3mh linn RC. Bha na Sìonaich a' clò-bhualadh air aodach agus nas fhaide air pàipear. Anns an Èipheit, bhathar ga chleachdadh bhon 4mh linn AC. Mus deireadh an 6mh linn bha a' chiad clò-bheart air a dèanamh ann an Sìona. Bhon 9mh no 10mh linn bhathar ùrnaighean gan clò-bhualadh ann an dùthchannan Arabach, agus bhon siud thàinig an teicneòlas dhan Roinn-Eòrpa, far an robh e cumanta anns an 13mh linn airson aodach, agus anns an 14mh linn airson pàipear cuideachd.
Mu mheadhan an 11mh linn dh'innlich na Sìonaich dòigh clò-bhualaidh ùr. Bha iad a' cleachdadh ceapan na chuir iad còmhla gus an teacsa a chruithneachadh. An dèidh a' chlò-bhualaidh, roinneadh na ceapan, agus dh'fhaodadh iad a bhith air an cleachdadh airson teacsa eile. Mu mheadhan na 15mh linn, b' e Johannes Gutenberg a' chiad duine a chleachd an dòigh seo ann an Roinn-Eòrpa. Thug Walter Chapman agus Andrew Myller an dòigh gu Alba, far an do stèidhich iad a' chiad clòlann ann an 1507 (aig àm Sheumais IV).
Ann an 1796, dh'innlich Aloys Senefelder leac-sgrìobhadh (lithography sa Bheurla), an dòigh a thathar ga cleachdadh as trice an- diugh. Ann an 1847 dh'innlich Richard March Hoe clò-bheart rothach - mar sin, dh'fhàs an luas de chlò-bhualadh gu mòr. 'S e an gnè a thathar ga leasachadh nas motha an-diugh clò-bhualadh didseatach.
Tha dà dhòigh airson datha àraidh a chlò-bhualadh. Faodaidh an dath a bhith air a mheasgachadh anns an fhiamh rùnaichte agus an dèidh sin gu simplidh air a chur air a' phàipear. Tha an t-anacothrom air an dòigh seo gum feumar a bhith ann cho mòran clàran clò-bhualaidh ris na dathan.
Chan eil an dàrna dòigh a' cleachdadh ach ceithir dathan bunaiteach: gorm, dearg, buidhe agus dubh. (Mar sin, thathar a' canar rithe "CMYK" bho na faclan Bheurla Cyan, Magenta, Yellow is Key). Nuair a thathar gan cur còmhla air a' phàipear (gach dhiubh ann an puingan glè mheanbh), chan fhaic sùil dhaonna mòran puingan anns na ceithir dathan, ach chì i grunnan dathan diofar. Nochd an dòigh seo an toiseach anns an 19mh linn.
Dòigh sam bith a thathar a' cleachdadh, 's e an rud as riatanaiche gum bith an t-inc a' tiormachadh gu fìor sgiobalta. Mura biodh, gheibheadh e air cùl an ath dhuilleige. Uaireannan, thathar solas os-bhiolait ga chleachdadh gus seo a choisinn.
'S e leac-sgrìobhadh an dòigh a thathar ga cleachdadh as motha an-diugh. Ge-tà, tha cleachdadh de flexography, dòigh clò bhualach bho h-àirde an ìre mhath ùr, a' dol am meud gu luath, gu sònraichte airson pasgaidh, far a bheil uimhir nas cudromaiche na càileachd; agus thathar gràbhalachd, clò-bhualadh tro lìon agus clò-bhualadh didseatach gan cleachdadh nuair a tha iad a' freagairt nas fheàrr air cor àraidh.
Ann an 1508 chaidh a' chiad ghnìomhachas clò-bhualaidh, an Chepman and Myllar Press a chur air bhonn ann an Alba. Chaidh a’ chiad mhuileann-pàipeir a stèidheachadh ann an Dùn Èideann anns a’ bhliadhna 1695. Bho na 1740an bha na bràithrean Raibeart agus Anndra Foulis ag obair ann an Glaschu, a’ clò-bhualadh leabhraichean le ùghdaran clasaigeach agus co-aimsireil. Dh’fhàs iad clùiteach mar sàr-chlò-bhualadairean air feadh na Breatainne Mòire agus na Roinn-Eòrpa. Aig an toiseach, bha iad a’ reic leabhraichean, agus às dèidh sin rinn iad leabhraichean iad fhèin. Bha Raibeart Foulis na chlò-bhualadair oifigeil do dh’Oilthigh Ghlaschu bho 1743.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Clò-bhualadh, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.