Tha Caisteal Eilean Donnain na chaisteal air taobh an iar na Gàidhealtachd.
'S e th' ann ach seann chaisteal a thogadh tràth sna meadhan-aoisean, air a shuidheachadh air eilean beag far a bheil tri lochan-mara - Loch Aillse, Loch Long agus Loch Dhuthaich - a' coinneachadh.
Airson iomadach bliadhna chaidh a ghleidheadh le Clann MhicRath às leth MhicCoinnich Shiophort. As t-earrach 1719 rinneadh gearasdan dhen chaisteal le na Spàinntich a bha a' toirt taic do ar-a-mach nan Seumasach, mus deach Blàr Ghleann Sheile a chur. Chaidh ionnsaigh a thoirt air a' chaisteal le Cabhlach Rioghail Bhreatainn, agus dh'fhàgadh na thobhta lom e.
'S e caisteal ùr a th’ ann a-nis a chaidh a ath-thogail uile gu lèir eadar 1919 agus 1932.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Caisteal Eilean Donnain, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.