B' e bàrd barraichte Spàinnteach a bha ann an Antonio Cipriano José María Machado Ruiz (1875–1939).
Rugadh e ann an Sevilla ann an 1875. Tha a bhàrdachd pailt agus ioma-sheòrsach: eibhinn, brònach, aotrom, domhainn tuairisgeulach, feallsanachail – ach an còmhnaidh sgoinneil, bòidheach, fìorghlan, treibhdhireach, uasal. Bha e ‘na comh-aimsireach do bhàrd mòr eile, Federico Garcia Lorca a rugadh, mar Mhachado, ann an Andalusia, ceann iar-dheas na Spàinne. Mu thimcheall Mhachado, sgrìobh an leabhar mòr-eòlais Larousse:
Antonio Machado Ruiz | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Antonio Cipriano José María Machado Ruiz |
Breith | Sevilla, 26 dhen Iuchar 1875 |
Dùthaich | An Spàinn |
Àite-fuirich | Madrid Paris Soria Baeza Segovia Sevilla Rocafort (en) Barcelona Collioure |
Bàs | Collioure, 22 dhen Ghearran 1939 |
Àite-adhlacaidh | Collioure |
Teaghlach | |
Athair | Antonio Machado Álvarez |
Màthair | Ana Ruiz Hernández |
Cèile | Leonor Izquierdo (1909 - 1912) |
Bràithrean ⁊ peathraichean | |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh a' Mheadhain |
Cànain | Spàinntis Fraingis |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd, sgrìobhadair, sgrìobhaiche-dràma, neach-teagaisg agus intellectual (en) |
Obraichean comharraichte | Soledades. Galerías. Otros poemas (en) Campos de Castilla (en) Juan de Mairena (en) |
Duaisean a fhuaras | liosta
|
Ballrachd | Royal Spanish Academy (en) |
Gluasad | Ginealach '98 |
Gnè ealain | bàrdachd dràma-eòlas aiste |
IMDb | nm0004676 |
...bàrd Spàinnteach, a rugadh ann an Sevilla ...a thug gu buil, air feadh beatha iriosail, uaigneich mar teagasgair na Fraingise..., cruthachadh obair bàrdachd a bha anabarrach luachmhor.
Seo, mar eisimpleir den bhàrdachd tuairisgeulaich aige, beagan rann às a dhuan fada (naoi earrannan agus còig rann deug) a sgrìobh e do bhaile dan ainm Soria ann an ceàrn beanntach, anns an àirde tuath den Spàinn, far an do theagaisg Machado agus far an do phòs e a aon bhean ionmhainn Leonor a chaochail nuair nach robh i ach òg. Ann an 1989 chaidh Antonio Machado ainmeachadh le UNESCO mar Poeta Universal (“Bàrd Uile-choitcheann”).
……….
IX
(Air a eadar-theangachadh le Garbhan MacAoidh.)
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Antonio Machado Ruiz, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.