Tha iomadh dòigh ann Uicipeid a chleachdadh. Leughadh - Airson artaigil a lorg cuir ainm na h-aiste anns a' bhocsa aig bàrr na duilleige air do làimh dheas far a bheil am facal “Lorg” sgrìobhte. Gheibh thu liosta de na h-artaigilean a bhios ceangailte leis an ainm seo. Briog air am fear a tha thu ag iarraidh.
- Le “anns a bheil….” gheibhear a h-uile aiste anns a bheil am facal a lorgas tu a' nochdadh.
- Ma bhios uidh agad cò sgrìobh an aiste seo thèid gu “Seall an eachdraidh” aig bàrr na duilleige den aiste. Tha an eachdraidh a' sealltainn nan atharrachaidhean a bha air a dhèanamh anns an aiste seo, cò rinn iad agus dè chuir an cleachdaiche ris an artaigil.
Ath-chleachdadh - Ma tha thu ag iarraidh susbaint na Uicipeid a chleachdadh ann an àite eile, dèan e. Ged a tha susbaint na Uicipeid “saor as an-asgaidh”, feumaidh URL den duilleig a bhith aig an ath-chleachdadh airson sealltainn gun robh an artaigil a' tarraing bho Uicipeid agus feumar an ath-chleachdadh fhoillseachadh fon chead CC-BY-SA 3.0 cuideachd.
- Tha na h-innealan “Luchdaich a-nuas mar PDF” agus “Tionndadh a ghabhas a chlò-bhualadh” anns a' bhogsa “Clò-bhuail/às-phortaich” air do làimh chlì gad chuideachadh le sin air sgàth 's gu bheil an cead ceart fèin-obrachail aca.
|
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Cobhair:Cleachdadh, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.