video

Gabhaidh videothan a luchdadh suas gu Wiki Commons ach an cleachd sinn an-seo iad.

Seo mar a chruthaicheas tu video le prògraman saora.

Cudromach: Coltach ri susbaint sam bith eile air an Uicipeid, chan fhaod thu video a chleachdadh ach ma tha e ri fhaighinn fo cheadachas saor agus ma tha e chum cleachdadh air duilleag Wiki Commons mar a tha an uicipeid seo.

Clàradh

Ma tha thu airson na thachras air a' choimpiutair a chlàradh, mholamaid OBS Studio. Gabhaidh a shuidheachadh gus nach clàraich e ach aon uinneag agus is urrainn dhut taghadh an dèid an fhuaim a chlàradh leis gus nach dèid.

Deasachadh

Stiùireadh air mar a nì thu deasachadh is às-phortadh video le Shotcut.

Gus video a ghearradh no iomadh video a chur ri chèile, mholamaid Shotcut. Foghnaidh am prògram ud gus gearradh video simplidh a dhèanamh gu math furasta agus cha bhi e trom air goireasan an t-siostaim. Nuair a bhios tu deiseil leis an deasachadh, tagh am putan "Export". Gheibh thu liosta mhòr dhe fhòrmatan - tagh "WebM" innte ach nach bi feum agad air barrachd iompachaidh. Nuair a bhios an t-às-phortadh deiseil, lean ri ceum 4 gus a' video agad a dhearbhadh mus luchdaich thu suas e. [Nota an deasaiche: Cha robh a' Windows Media Player agam rèidh leis na chruthaich OBS Studio dhomh, ach tha mi cinnteach gun gabh a' video iompachadh le VLC gu fòrmat a ghabhas e ris - dha robh ùine agam gus seo fheuchainn co-dhiù.]

Iompachadh

Seo stiùireadh air mar a dh'iompaicheas tu faidhle video dhan fhòrmat a dh'fheumas Wiki Commons.

Mur eil thu air a' video a dheasachadh le Shotcut, feumaidh tu fhathast a chur gu fòrmat as urrainn dha Wiki Commons a cleachdadh. Gus am video iompachadh gu fòrmat a bhios freagarrach dha Wiki Commons, mholamaid VLC. Tha stiùireadh air na fòrmatan a ghabhar ris air duilleag "Converting video" a' Wiki Commons. Tha iad gu math teann ach am bi fòrmat a' video a cheart cho saor agus a tha an t-susbaint ann. Gheibh thu stiùireadh air iompachadh le VLC air duilleag OGG Theora Cookbook.

Dearbhadh

Coimhead air a' video air fad feuch a bheil a h-uile rud mar bu chòir.

Luchdadh suas

video 
Toiseach air luchdadh suas video air Wiki Commons

Nuair a bhios a' video deiseil, luchdaich suas e. Tha roghainn agad seo a dhèanamh sa mhodh deasachaidh an-seo no air làrach-lìn Wiki Commons. Gus a luchdadh suas an-seo, sa mhodh "Deasaich", brùth air a' phutan "Cuir a-steach", tagh "Meadhanan" is lean ris an stiùireadh. Gus a luchdadh suas gu Wiki Commons, cleachd Wiki: File Upload Wizard. Fo "Uploading media files", sa cholbh "Commons", briog air a' cheangal "Commons Wizard" agus lean ris an stiùireadh ceum air cheum. Gheibh thu còd aig an deireadh as urrainn dhut cur ris an duilleag agad.

Ceanglaichean a-mach

Tags:

video Clàradhvideo Deasachadhvideo Iompachadhvideo Dearbhadhvideo Luchdadh suasvideo Ceanglaichean a-machvideoWiki Commons

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

A' ChairtbheilAarhus21 an Dùbhlachd1533Duais Nobel ann an LitreachasTrianaid agus TobagoNikita HruŝëvIntegrated Authority FilePunnd Sasannach2001DushanbeMìosachan GriogarachKerala894Breatainn Mhòr931PortagailisAdhbrannTuigse inntealtaEadar-theangachadhCecilia Payne-Gaposchkin513Carles Puigdemont i CasamajóBing CrosbyDàirich28 an CèiteanEabhraig1885MalaidhsiaDùthaich nan Tàidh18 an t-ÒgmhiosTionndadh GnìomhachaisMikhail Gorbachev1868VäversundaCoimbraInd-EòrpaisGini Nuadh PhaputhachEag-eòlas1977Losgann1966GrazCùba20191000Eadar-lìonBucharest191112 an LùnastalFoghlamNìgeiriaAbhlan coisrigteVlad ȚepeșBunan-lùth nach teirg ann an AlbaIorànÀiteachasBarcelonaUibhist a DeasOdesa1889TUCStar WarsDohaÀireamh-shluaigh20 am FaoilleachCìorgastanImpireachd nan Otomanach1784BìorasEPàpa FranganPoblachd na CròthaiseGrover ClevelandMachlagGàna🡆 More