Uisge-Beatha

Is e uisge-beatha spiorad dibhe làidir a tha air a dhèanamh le gràn.

Gu h-àbhaisteach, tha uisge-beatha à Alba neo Èirinn, is ann à Aimearaga a tha bourbon. Tha uisge-beatha, mar is àbhaist, buidhe is trìd-shoilleir.

Uisge-Beatha
Uisge-beatha à Alba

Gu tradaiseanta, tha uisge-beatha air tarraing à braich, 's e sin eòrna a th' air brachadh. Às dèidh sin, thèid a thiormachadh os cionn teine mhòine, a chuireas blas so-aithnichte ris an deoch.

Is e an ath cheum a leaghadh na bracha tiormaichte ann an uisge a dhèanamh brailis (ris an abrar, cuideachd, dile no mir). Sin, cuirear beirm gus an toiseach am brachadh a dhèanamh caochan.

Thèid an caochan a tharraing dà no trì uair ann am poit-staile. (Às dèidh ceithir tarraing, is e uisge beatha baoghal a bhitheas ann).

Uisge-beatha na h-Alba

'S e deoch nàiseanta na h-Alba a tha ann an uisge-beatha. Tha uisge-beatha air a dhèanamh ann an Alba o chionn barrachd air mìle bliadhna, air tighinn o thùs bho Èirinn gu Dail Riada.

Dhèanadh na Gàidheil uisge-beatha dhaibh fhèin ann am poit-dhubh, ach nise, is e gnìomhachas mòr a th' ann, agus bithidh grùdairean proifeasanta a' dèanamh uisge-beatha ann an taighean-staile airson buidhnean mòra.

Roinnean Uisge-beatha ann an Alba

Faodaidh na braichean Albannach a dhealaichear ann an seachd roinnean cruinn-eòlasach: Ìle, a' Ghaidhealtachd, Srath Spè, a' Ghalltachd, na h-Eileanan Siar, agus Ceann Loch Chille Chiarain.

Seo cuid de na taighean-staile ainmeil:

Ceanglaichean a-mach

Tags:

AimearagaAlbaÈirinn

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1938Iain Eairdsidh MacAsgaillFionnlannaisSileadh14821520An FhraingEuroTorontoDigital Object Identifier1937Corp-eòlas12 an t-ÒgmhiosEunHionduthachdDeimosAstràilia1838Frederick John Robinson, 1d Biocas GoderichGreugaisVáclav HavelEilean MhanainnPoileataigsMississippi (abhainn)Hermann HesseSasainnOld FirmAn Talamh (planaid)1960John Howard NorthropPrìomh-DhuilleagCanadaUisgeVirginiaMiotas-eòlasJim MacGilleEathainGealachMalairtCeann-fionnFergie DòmhnallachDùn BarraBeàrnaraigh na HearadhJohn MuirCailein T. MacCoinnich1986Liosta dhaoine às a' ChuimrighDùthaich nam BasgachLeabharlann Nàiseanta Poblachd na Seice3 an CèiteanFraingisBrabhsair-lìnSpàinntisEalain-lèirsinneachAibidil Eabhra1616An Èipheit202415 am Faoilleach1956GebzeNìgeiriaDùn ÈideannA' PhruisGuatamala23 an GibleanCarl BoschTutankhamun🡆 More