Rita Izsák

Tha Rita Izsák-Ndiaye ’na Rapporteur Sònraichte nan Dùthchannan Aonaichte air Cùisean Mhion-shlògh.

Rita Izsák
Rita Izsák
UN Special Rapporteur on Minorities (en) Translate

2011 - 2017
Gay McDougall (en) Translate - Fernand de Varennes (en) Translate
Beatha
Breith Szekszárd (en) Translate, 1980
Dùthaich Rita Izsák An Ungair
Teaghlach
Cèile Bacre Waly Ndiaye (en) Translate
Foghlam
Foghlam Kodolányi János University (en) Translate
(1998 - 1999) : travel guide (en) Translate
Oilthigh Caitligeach Péter Pázmány
(1999 - 2004)
Dreuchd
Dreuchd lagh-eòlaiche agus Romani rights activist (en) Translate
Rita Izsák
Boyd Robasdan, còmhla ri Éadaín Ní Mháille, a’ cur fàilte air Rita Izsák
Rita Izsák
Rita Izsák a’ toirt seachad Òraid an t-Sabhail 2014

Chaidh a fastadh ’na h-Eòlaiche Neo-eisimeileach air cùisean mhion-shlògh le Comhairle nan Còraichean Daonna agus thoisich i san dreuchd sin air 1 Lùnastal 2011. Chaidh a dreuchd ùrachadh mar Rapporteur Sònraichte sa Mhàrt 2014. ’S i an dàrna neach san dreuchd sin agus tha i neo-eisimeileach bho riaghaltas no buidheann sam bith. Tha dioplòma maighstireil ann an lagh aice bho Oilthigh Caitligeach Péter Pázmány, Budapest, An Ungair. Tha i air a bhith ag obair air còraichean daonna is mhion-shlògh fad deich bliadhna is i a’ cleachdadh an eòlais phearsanta a th’ aice fhèin air leth-bhreith is claon-bhreith - Chaidh teaghlach a h-athar fhògradh air sàillibh an cinnidh Ungairich anns na h-iomairtean fuadachaidh an dèidh an dàrna cogaidh eadar Seic-Slobhagia (An t-Slòbhac san latha an-diugh) is an Ungair, agus tha a màthair de chinneadh Romàni.

Thòisich i ’na cùrsa-obrach aig Ionad Còraichean Roma na Roinn Eòrpa ann am Budapest, agus an déidh sin bha i ’na Comhairliche aig Oifis nan Dùthchannan Aonaichte dhen Àrd-choimisean air Còraichean Daonna, aig Institiùd Open Society, aig Maoin Foghlam nan Roma, agus aig Comann airson Còirichean nam Ban ann an Leasachadh. Rinn i tursan obrach ann an Dùthaich nan Somàili/Somàilia far an robh i ag obair cuide ri Buidheann Nàiseanta `Òigridh Dùthaich nan Somàili (air iomlaid aig Progressio ann an Lunnainn), agus thug i seachad òraidean air còraichean daoine aig Oilthigh Lagha Hargeisa. An déidh làimh, dh’imrich i gu Srebrenica ann am Bosna agus Hearsagobhana far an robh i na h-Oifigear Chòraichean Daonna ann am Buidheann Tèarainteachd is Co-obrachaidh san Roinn-Eòrpa. Bha i ’na h-Àrd-cheannard aig Rùnaireachd Stàite airson In-ghabhail Shòisealta ann am Ministreachd a’ Cheartais is Rianachd Phoblaich san Ungair, agus bha i an urra ri caochladh phrìomh dhleastanasan nuair a bha Ceannas an Aonaidh Eòrpaich fo stiùir na h-Ungaire, a leithid stéidheachadh Dòigh-obrach Eòrpach airson Ro-innleachdan Nàiseanta Co-ionnanachd nan Roma. Eadar 2011 agus an t-Earrach 2013, bha Rita Izsák ’na Ceann-suidhe agus ’na h-Àrd-oifigear aig Institiud Tom Lantos ann am Budapest san Ungair, institiud rannsachaidh a tha stéidhichte air leasachadh chòraichean daonna is mhion-shluaghan.

Ann an 2014 thug i seachad Òraid an t-Sabhail aig Sabhal Mòr Ostaig.

Ceanglaichean a-mach

Tags:

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Humphrey Bogart1174A' PhòlainnSlòbhacaisLaghBraisil2 an LùnastalMàthairLosgann1991Brabhsair-lìnIngmar BergmanFìdiAn Caisteal NuadhBanca18091911Carraig Fhearghais1716Val Logsdon FitchCarles Puigdemont i CasamajóBeàrnaraigh na Hearadh4 am Màrt18981941RèabhlaideachDùileòlachdÒranCair LuailMacauNa Stàitean Aonaichte1868Fàsach RynNapoléon BonaparteEachdraidhGàidhlig na h-ÈireannTaigh-òstaJonathan WintersGiuseppe Verdi1429TalmudLàrach-lìnLunnainnWikimediaViennaCo-mhaoineasKatharine HepburnAtharrachadh na Gnàth-shìde2020anGeorgia (stàit)UisgeVirginia1875Sweyn Holm879WiesbadenMatamataigArrecifeAntonín DvořákBith-eòlasSuòmaidhAn t-Aonadh EòrpachAmhachTaistealachdFranklin D. RooseveltPopSgrailAn FhraingAodach🡆 More