La Araucana

'S e dàn-mòr eachdraidheil Spàinntis, on Aois an Òir air a sgrìobhadh le Alonso de Ercilla y Zúñiga 's th' ann an La Araucana (Gàidhlig: Cogadh Arauca).

La Araucana
Cogadh Arauca
La Araucana
Fiosrachadh
Sgrìobhadair Alonso de Ercilla y Zúñiga
Bliadhna Foillseachaidh 1569, 1578 agus 1589
Cànan Spàinntis
Dùthaich La Araucana An Spàinn
Gnè-sgrìobhaidh Dàn-mòr on Aois an Òir
Cuspair Bàrdachd eachdraidheil
Suidhichte An t-Sile

Chaidh fhoillseachadh ann an trì earrainnean ann an 1569, 1578 agus 1589 ann am Madrid. Suidhichte ann an ceann a deas na Sile, 's e sgeulachd ann an comhardadh a dh'innseas mar a thug na Spàinntich ionnsaigh air na Mapuche ann an sgìre air an robh Arauca, anns an 16mh Linn. Thug Cervantes iomradh air an dàn-mòr seo ann an dà nobhail sgrìobh e, La Galatea (1585) agus Don Quijote (1605). A bharrachd air sin, bha Voltaire fhèin dhen bheachd gu robh La Araucana nas fhèarr na an Illiad le Homer ann an dòigh, ged a bha Ercilla caran stròdhail.

Co-theacsa Eachdraidheil

A rèir an ùghdair fhèin, a bha an sàs anns a' Chogadh, bha an dàn-mòr seo air a sgrìobhadh fhad 's a bha Ercilla na Àrd Oifigear thall san t-Sile agus gur e sgrathan crainn a chleachd e ris gu robh gainnead phàipeir ann. B'e gu robh Ercilla, seann ghille-freastail Filip II, mòran nas foghlaimte na mòr-chuid nan Ceannsaichean. Chaidh e gu ruige na Sile mar bhall feachd neartachaidh fo Gharcía Hurtado de Mendoza, Riaghladair na Sile agus Iar-rìgh Pearu.

Stoidhl

Mar a leughar san leabhar, 's àbhaist dhan aithriseach – Ercilla fhèin – pàirt a ghabail san stoiridh mar shaighdear, rud nach robh idir cho àbhaisteach ann am litreachas aig an àm. 'S e an Ottava Rima an sèorsa mheatrachd a chithear ann - b' ainneamh a chleachadar sin ann an Spàinntis gu ruige Camilo José Cela san 20mh Linn - a tha a' toirt dhuinn stròfaichean le ochd loighne ann am pàtran ABABABCC:

                Caciques, del Estado defensores, (A)
                codicia de mandar no me convida (B)
                a pesarme de veros pretensores (A)
                de cosa que a mí tanto era debida; (B)
                porque, según mi edad, ya veis, señores, (A)
                que estoy al otro mundo de partida; (B)
                más el amor que siempre, os he mostrado, (C)
                a bien aconsejaros me ha incitado. (C)

Iomraidhean

Tags:

1569157815851589160516mh LinnAlonso de Ercilla y ZúñigaAn t-SileAois an Òir (An Spàinn)Don QuijoteEachdraidhGàidhligHomerMadridMiguel de CervantesNobhailSpàinntisVoltaire

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

John F. KennedyPalauDoris LessingGaziantepDàibhidh CamshronBarichara1401OntarioCultar1780anBeulRoinn-tìdeEòlas-inntinnAfraga-EoràisiaEunBaile Shidni, Alba Nuadh854Ray BradburyBad ArolsenVirtual International Authority FileFaisisteachasBangladeshPodgoricaBosna agus HearsagobhanaLàn-thoradh DùthchailBosco MarengoFrédéric ChopinCopernicium1990Boris JohnsonÀrd BhaileKarl MarxMaimonidesBun-na-coiseLùth ath-nuadhachailBrabhsair-lìnUaireadair-grèineAn Eiphit850AlbaLeedsBeinn EòinÈideard I Shasainn1987BeinnPacastan86Cille Mheàrnaig493106717 am FaoilleachSaidheansRouenAonadh-ciùirdAibidil Eadar-nàiseanta Fogharach9 an DàmhairMancheDuitsisAn Ungair852JakartaSüleyman IUlaidhBuidheann Cùmhnant an Atlantaig a TuathYakAn Roinn-EòrpaCogadh FuarBorriolLiadhag🡆 More