B' e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bha airson gum biodh Ministrealachd Innise Tìle suidhichte ann an Innis Tìle fhèin, seach ann an Copenhagen 's a bh' ann an Heimastjórnarflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh Fhèin-riaghlaidh).
Heimastjórnarflokkurinn Pàrtaidh Fhèin-riaghlaidh | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 1900 |
Luchd-stèidheachaidh | Hannes Þórður Pétursson Hafstein |
Àite-Stèidheachaidh | Reykjavík |
Beachd-smuainealas Eachdraidheil | Fèin-riaghladh |
Chaidh a stèidheachadh ann an Reykjavík ann an 1900, nuair a bha Innis Tìle fhathast na phàirt na Danmhairg. B' e Hannes Hafstein, ciad Mhinistear Innis Tìle, a stèidhich am pàrtaidh. Dh'aontaich a' mhòr-chuid nam ball Heimastjórnarflokkurinn gu Borgaraflokkurinn ann an 1923, beagan an dèidh neo-eisimeileachd na dùthcha.
B' ann ann an 1919 a bha Heimastjórnarflokkurinn na bu shoirbhachaile anns na taghaidhean dhan Alþingi, nuair a fhuair iad 16 seataichean, ged a bha e gu math soirbheachail gach turas a bha taghaidhean ann ach an turas mu dheireadh.
Bliadhna | Bhotaichean | % | +/- | Seataichean | +/- |
---|---|---|---|---|---|
1916 (An Lùnastal) | 1,950 | 33,5 % | 3 | -- | |
1916 (An Dàmhair) | 5,333 | 40 % | +6.5 % | 15 | +12 |
1919 | 6,423 | 45.8 % | +5.8 % | 16 | +1 |
1922 | 3,258 | 27.6 % | −18.2 % | 1 | -15 |
Bha dithis Forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) aige nuair a bha am pàrtaidh ann:
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Heimastjórnarflokkurinn, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.