Gobhlan-Gaoithe

'S e eun beag a th' anns a' Ghobhlan-ghaoithe (Laideann: Hirundo rustica, Beurla: swallow).

Hirundo rustica
Gobhlan-Gaoithe
Gobhlan-gaoithe
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Aves
Òrdugh Passeriformes
Teaghlach Hirundinidae
Gèineas Hirundo
Spèiseas H. rustica
Ainm saidheansail
Hirundo rustica (Linnaeus, 1758)
Ainmean eile
Hirundo erythrogaster

Lorgar air feadh na h-Eòrpa, Àisia, Afraga agus Aimeireaga i. Aithnichear air a h-earr ghobhlaich i, agus a sgòrnan dearg.

Gobhlan-Gaoithe
Gobhlan-gaoithe
Gobhlan-Gaoithe
Hirundo rustica

Imrich

Tha an gobhlan-gaoithe a' teachd do cheann tuath na cruinne aig toiseach an earraich nuair a tha an latha a' fàs fada agus an aimsir blàth. Aig deireadh an fhogharaidh, nuair a tha an latha a' fàs goirid agus an aimsir fuar, imrichidh i gu leth-chruinn a deas.

Beagan roimh dhaibh falbh, cruinnichidh iad ann an àireamh mhòr air mullach thaighean no àitean àrda eile, cuiridh iad an cèill an rùn do a chèile, agus nì iad deas airson an turais do thìr fad air astar. Air dhi leth-chruinn a tuath fhàgail, stiùiridh i gu dìreach air an t-slighe a dh' ionnsaigh Afraga, Aimearaga a Deas agus eadhon Astràilia, far am bheil an aimsir blàth, agus cuileagan pailt; agus fanaidh i an sin gus an tèid an geamhradh seachad, agus gus an tig blàths agus teas le teachd an earraich.

'S e is adhbhar dha bheil an gobhlan-gaoithe ag imrich deas gum bheil na cuileagan a' bàsachadh nuair a tha an geamhradh a' teachd dlùth, agus do bhrìgh gur ann orra seo a tha i a' tighinn beò, tha claonadh nàdarra ga treòrachadh a dh' ionnsaigh nan tìrean sin.

Àite-còmhnaidh

Tha an gobhlan-gaoithe a' dèanamh a nid de chrè agus de làthaich; agus tha a nead am bitheanta air a togail ri cinn thaighean, no ann an oisinn nan uinneagan.

Beathachadh

Tha an gobhlan-gaoithe a' glacadh chuileagan agus bheathaichean beag sgiathach eile, nuair a tha i air iteig anns na speuran, agus leotha sin tha i ga beathachadh fhèin, agus a' beathachadh a h-àlaich.

Co-fhulangas

Tha iomadh nì aithnichte mu thimcheall nan gobhlan-gaoithe a tha feuchainn dhuinn gu soilleir gum bheil co-fhulangas aca do thrioblaidean càch a chèile, agus gum bheil fhios aca dè an dòigh air an nochd iad an co-fhulangas seo.

Chualas iomradh air nead a' tuiteam bho oisinn na h-uinneig san do thogadh i, agus gobhlanan-gaoithe a' cruinneachadh cuideachd gus nead eile a thogail sa cheart àite anns an robh a' chiad nead.

Chualas naidheachd cheudna air gealbhonn a' dol a-steach do nead a' ghobhlain-ghaoithe nuair a bha i air falbh a' solarachadh lòin dhith fhèin. Bha fearg ro mhòr air a' ghobhlan-ghaoithe seo gun do chuir i an cèill do chàch agus thàinig iad nam mòr-àireamh le crè nan guib. Dhùin iad suas an toll a bha san nead, agus dh' fhàg iad an gealbhonn an sin gu bàsachadh a dhìth bìdh agus àile.

Ceangal a-mach

Dealbhan


Gobhlan-Gaoithe 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Gobhlan-Gaoithe ImrichGobhlan-Gaoithe Àite-còmhnaidhGobhlan-Gaoithe BeathachadhGobhlan-Gaoithe Co-fhulangasGobhlan-Gaoithe Ceangal a-machGobhlan-Gaoithe DealbhanGobhlan-GaoitheAfragaAimearagaBeurlaEunEòrpaLaideannÀisia

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Na h-AimearaganFrederick John Robinson, 1d Biocas GoderichJames K. PolkHionduthachdCoimpiutair1470an1876AlbertaAn FhraingDannsaBraisilNa h-Eileanan Filipineach21 an GibleanCoireaYvelinesCànan1482MianmarPagastànWiccaRonaldinhoOMosgoMìosachan GriogarachCastelló (roinn)Airgead (malairt)EachdraidhInnis TìleRuaraidh MacFhionghainTeicneòlasGeorge H. W. BushLinne Foirthe24 an GibleanGeòlas23 an GibleanEl Salbhador4 an t-ÒgmhiosGebze800Poblachd na h-ÈireannBurundaidh1960HTML9 an LùnastalJakartaCruitVizcaya (provincia)Suainislàrach-lìnLuibh-eòlasMarie AntoinettePrìomh-DhuilleagDùn ÈideannAn ÀithneSeoulBaile Átha CliathFraingis133520 an LùnastalSasainnRuisisStaitistearachdCeòl🡆 More