Deisciobal

Tha an t-ainm deisciobal air fear den dà fhear dheug a lean Ìosa Chrìost an toiseach (neo anns na Creideamhan eile, mar Buddachas).

Bha Iùdas Iscariot na dheisciobal Ìosa cuideachd bho thùs; bha e na thasgaidhe (Eòin 12:5-6, 13:29), agus cha robh e gun earbsa gus an reic e Ìosa. Air sgath sin, tha dusan ann, mar a bha dà treubh dheug aig Iosrael.

Deisciobal
Suipeir mu dheireadh le Simon Ushakov. Tha Ìosa agus an dà abstol dheug ann

Bha samhladh traidiseanta aig gach fear-

  • Peadar (Siomon Peadar)– Iasg neo iuchair
  • Eòin Boanerges – Cailis còmhla ri nathair
  • Philip – Crosgag neo bachall
  • Sìm/Siomon zealotes- Sabh
  • Aindreas/Anndra – “X”; bràthair Shiomon Peadar
  • Tòmas – slat-thomhais neo sleagh
  • Pàrtholan – Sgian “flaying”
  • Iùd – Lann neo pìc-catha/ailbheirt
  • Seumas Mòr Boanerges, mac Sebedee – Ad an deòrach
  • Seumas Òg, mac Alphaeus – cuaille
  • Mata - Sporan
  • Matthias - Lann

Nochdar Tadh (Thaddaeus) neo Lebbaeus Thaddaeus air cuid de na liostaichean, ach ann an Soisgeul a-rèir Lùcas (6:16), nochdar “Iùdas mac Seumas”. Sgrìobh Eòin (14.22) air “Iùdas nach e Iùdas Iscariot”.

Tha ainmean fior-Ghreugach aig dithis, Aindreas bràthair Pheadair, agus Philip (Φιλιππός, Phillipos – gràdhaiche-each); tha ainmean Seimeach san fhoirm Greugach aig ceathrar – Pàrtholan (Bar Tholmai), Mata, Tòmas 7 Tadh (Thaddaeus). Dh’atharraich Peadar bho ainm Iùdhach – Siomon (Symeon) ri ainm Greugach “Petros” (Πετρός, clach), neo Peadar.

Bana-dheisicobal

Sgrìobh Soisgeul Lùcas air trì bana-dheisicobail

  • Moire, Magdelen (Lùcas 8:2, 24:10)
  • Moire, piuthar Martha (Lùcas 11)
  • Moire, màthair Sheumais (Lùcas 24:10)

Bha smuain aig na Gnostics, a tha air ais anns The Da Vinci Code msa, gur e Moire Magdalen an deisciobal as fheàrr le Ìosa, agus a bharrachd air sin, bha iad pòsda. Tha sin gu math connspaideach, ach tha an aon smuain aig na Mormonaich.

Deisciobail eile

Sgrìobh Soisgeul Lùcas air mion-charactaran a-leantainn, mar deisciobail:

  • Siomon am Pharisee (Lùcas 4:36-50)
  • Ioanna, Bean Chuza (Lùcas 8:3, Luke 24:10)
  • Susanna (Lùcas 8:3)
  • Cleopas (Lùcas 24:18)
  • Eòsaph na Arimathea (Lùcas 23:50-54)

Tags:

Ìosa Chrìost

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Ìmpireachd Naomh na RòimheCamas SgeanailLe CorbusierWilliam McKinleyEachdraidhGeòlasA' GhraonlainnJeremy CorbynLCDTAllmhaighGlaschuMuir AralCofaidhBozdağanSluagh-phoblachd na SìneBaile Naoimh Eòin, an Talamh Ùr854Santiago de CompostelaBerdianskBun na Dubh AbhannMamalCreideamhIadhtag agus eilean-ranntairPròsdanachasEòlas-comainnHoilmiumIván DuqueBeyoncé16 an t-SamhainAn t-Ollamh Dòmhnall MeekSeanagalGnàth-shìde2002GàidhligBIBSYSInbhir ÙigeThe BeatlesPalencia4 an t-ÒgmhiosDeòrsa I Bhreatainn is ÈireannDìneasarHumphry DavyAonadh-ciùirdSüleyman ICanberraÈirinn a TuathJuneteenthAlbany, Eabhraig NuadhAmisfield1782Dà-ghnèitheachdClint EastwoodEdward DwellyJames StewartAberhondduLeonardo da VinciPaidireanSt. Louis, MissouriAlcarazBaltimore, MarylandDùn DèaghBaselAtamLibiaBankendSanta Cruz de TenerifeDùn PhrisColoimbia MhòrBugaMulhouseLusWalt Disney🡆 More