Còig Peathraichean Chinn Tàile

'S e aonach beinne ann an Cinn Tàile a th' ann an Còig Peathraichean Chinn Tàile, Beurla: Five Sisters of Kintail.

Cha robh an t-ainm sin anns a' Ghàidhlig bho thùs , ach sa Bheurla 's e cruth an droma mar a chìthear e bho Ratagan thairis air Loch Dubhthaich a thug an t-ainm dhan aonach, le còig beanntan ag èirigh gu soilleir bhuaithe. A rèir beul-aithris 's e còig bana-phrionnsaichean a bh' ann a dh'atharraich gu creag fhad 's a bha iad a' feitheamh air còig prionnsaichean Lochlannach a phòsadh iad, ach nach tàinig a-riamh.

Còig Peathraichean Chinn Tàile
Ceithir de Chòig Peathraichean Chinn Tàile bho Drochaid Seile
Còig Peathraichean Chinn Tàile
Na Còig Peathraichean bho Mhàm Ratagan

Tha an druim a' sìneadh bho thaobh an ear gu taobh an iar air eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich, taobh tuath Ghleann Seile agus an rathad A87. San àrd an ear dheth tha Druim nam Bràithrean, a bheir an druim gu ceann aig Cluainidh.

Ged a tha barrachd na còig mullaichean air an druim seo, 's iad na mullaich Sgùrr nan Spàinteach, Sgùrr na Ciste Duibhe, Sgùrr Fhuaran, Sgùrr nan Saighead agus Sgùrr na Mòraich a chruthaicheas na còig peathraichean. Tha trì beanntan Rothaich air an druim: Sgùrr na Ciste Duibhe, Sgùrr Fhuaran agus Sgùrr na Càrnach.

Coiseachd

Mar as trice thèid an t-aonach air fad a streap, a' tòiseachadh bhon raon-chàraichean aig Coimisean na Coilltearachd agus a' streap os cionn làrach Blàr Chinn Tàile. Faodar dol gu dìreach suas Sgùrr nan Spàinteach neo cumail air cliathaich na beinne agus a' ruigsinn an droma aig Sgùrr na Ciste Duibhe. Bithear an uair sin a' leantainn an droma dhan iar, agus a' cromadh bho Sgùrr na Mòraich gu dìreach air neo a' dol air ais gu Bealach agus sìos ri taobh Allt a' Chruinn air ais gu Loch Dubhthaich.

Sealbh

'S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha aonach nan Còig Peathraichean, mar phàirt de oighreachd Chinn Tàile, An Eas Glomaich agus Afraig an Iar.

Iomraidhean

Tags:

AonachCinn Tàile

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

NìgeiriaPrìomh-Dhuilleag633Innis TìleRuaraidh MacFhionghainCorp-eòlasTaigh na h-UiseigFiadhColannOntario1899Brabhsair-lìnDannsaMarxachasCeòl2024Immanuel KantAn FhraingEun-turaisAlasdair UaibhreachDùthaich nam BasgachCogaidhean na CroiseSeleniumMianmarGebzeJames K. PolkOEaglais Fhìor ÌosaUisge1578Eòlas-inntinnNa h-Eileanan Filipineach1937A' ChongoMosgoJohn MuirEl Salbhador800MalairtCoinneach I na h-AlbaA' Bheilg1938An Talamh (planaid)Probhaist28 am MàrtAràibia nan SabhdDùn BarraCroitearachdEadar-lìonCruinn-eòlas1850ÀrsaidheachdSileadhCailein T. MacCoinnich4 an t-ÒgmhiosWikimediaAn Dàrna Cogadh780Rìgh Juan Carlos I na SpàinneA' PhruisAiltireachdUilleam UallasLiosta dhaoine às a' ChuimrighCoimpiutaireachdMìosachanSasainnGreugais🡆 More