Cunnart Nan Arm-Tilgidh Ann An Cùba

Ann an 1962 thug Nikita Krushchev cead airson airm niùclasach a stèidheachadh ann an Cùba airson an eilean a dhìon an aghaidh ionnsaigh Ameireaganach agus cuideachd airson co-chuideam a righinn an aghaidh cho cumhachdach sa bha na Stàitean Aonaichte a-rèir arm-tilgidh niùclasach le ruigheachd fhada a bha suidhichte aca anns an Roinn Eòrpa.

An deidh do itealan-lorgaire sùil fhaighinn air na gearasdain urchair chaidh innis don an Ceann-suidhe, Kennedy, agus fad seachdain bha e a coimhead coltach gun robh an saoghal gus a dhol gu cogadh a-rithist.

Cunnart Nan Arm-Tilgidh Ann An Cùba
Fidel Alejandro Castro Ruz

Mar a thachair se an Aonadh Sobhiat a sheas sìos an deidh do Kennedy gealladh do Khrushchev nach dèanadh e ionnsaigh air Cùba. Thuirt na h-Ameireaganaich cuideachd gun doireadh iad na h-airm "Jupiter" aca a-mach às an Tuirc.

Dh’aontaich Kennedy gu poblach ris a chiad iarraidh agus gu dìomhair ris an dara.

Chaidh na longan Ameireaganach a thoirt air ais air an 20mh den t-Samhain. Thug na Sobhiataich na h-àir niùclasach aca a-mach robh deireadh na bliadhna agus rinn na Stàitean Aonaichte an aon rud le na h-airm aca anns an Tuirc an ath-bhliadhna.

Chaidh hot-line a chruthachadh eadar na Stàitean Aonaichte agus an t-Aonadh Sobhiat airson dèanamh cinnteach nach tachaireadh a leithid a-rithist.

Tags:

1962CùbaJohn F. KennedyNa Stàitean AonaichteRoinn Eòrpa

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

401981FryslânJazzTeluriumAfganastan1950Aurora, ColoradoH1591197419572Plastaig1717198019041953ESlàinteCo-ionnannachd comais-cheannachd14MAepyceros melampus1972Joe BidenDi-Luain1169CrìosdaidheachdTaighHenri Bergson43197819481057J5BeathachFaclairiche66Mathan coala1885Calvados (département)1937Torc fiadhaich3520031737Coirea a Tuath1873TunnaSaarland2015Cànain eile301959468Schleswig-Holstein1871SèimheachadhAn Rìbhinn (planaid)1920Cill AbaKharkivF1914An Spàinn1938NeadOAl PacinoEachMahatma GandhiAsmara🡆 More