Cáceres

’S e baile mòr air an àirde an iar na Spàinne a th’ ann Cáceres (IPA: kaθeɾes, Estremeñu: Caçris).

Cáceres
Cáceres Cáceres
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Cáceres
Cáceres
Suidheachadh
Dùthaich Cáceres An Spàinn
Ceàrn Cáceres Cáceres
Sgìre Cáceres Extremadura
Co-chomharran 39° 29' Tuath
06° 22' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,750.33 km²
Àireamh-shluaigh 93,131 (2009)
Dlùths 53.21/km²
Àireamh fòn + 34 927
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Chaidh e a stèidheachadh mu 79 Ro Chrìosd le Quintus Caecilius Metellus Pius. Tha Cáceres suidhichte shuas air a' chòmhnard àrd ann an Extremadura ris an canar Llanos de Cáceres, aig 403m os cionn ìre na mara, faisg air an Abhainn Guadiloba. Tha Cáceres 241km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 743km bho Bharcelona. Tha 93,131 daoine a’ fuireach ann an Cáceres, an darna baile as motha ann an Extremadura agus an 72mh baile na Spàinne. Chaidh e ainmeachadh na Àite Dualchas na Cruinne le UNESCO ann ann 1986. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Cáceres a th’ann Cáceres cuideachd.

Freumhan an ainm

Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à castrum/castris (Gàidhlig: campa) ann an Laideann a tha an t-ainm, o chionn's gu robh camp an airm ann fo na Ròmanaich. 'S e facal a tha co'dhàimheil le caer sa Chuimris agus cathair sa Ghàidhlig. Tha cuid eile a' cumail gur ann à Caesaria (Gàidhlig: Áite a' Cheusair). Thathar dhen bheachd gu robh bailtean air an robh Colonia Norbensis Caesarina agus Castra Caecilia faisg air làimh. A dh'aindeoin sin, tha teòiridh eile ann a chanas gur e dìreach facal air Choireigin ann an Laideann air arabachadh gu Cazires.

Eachdraidh

Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.

Lùchairtean

  • Lùchairt na Golfines Shuas
  • Lùchairt na Golfines Shìos
  • Lùchairt Comendador de Alcuescar
  • Lùchairt- Daingneach na Torreorgaz
  • Lùchairt Easbaigeach
  • Lùchairt Carvajal (15mh Linn)
  • Lùchairt Godoy
  • Lùchairt Mayoralgo
  • Taigh Mòr na Sande
  • Lùchairt na Veletas
  • Lùchairt Cáceres-Ovando
  • Taigh a’ Mhoncaidh
  • Lùchairt Toledo-Moctezuma
  • Taigh na Grèine
  • Taigh Mudejar
  • Taigh na Carvajal y Ulloa

Eaglaisean

  • Eaglais agus Taigh Cràbhach an Naoimh Phòl (15mh Linn)
  • Taigh Cràbhach a’ Chomainn Iosaid, nòs Barroque
  • Eaglais Mhòire, (13mh Linn), nòs Gotach
  • Eaglais an Naoimh Mhata, (15mh Linn)
  • Eaglais an Naoimh Francisco Javier (18mh Linn), nòs Gotach
  • Eaglais an Naoimh Iain (13mh linn gu ruige 15mh linn
  • Dìthreabh an Naoimh Antoine
  • Eaglais Santo Domingo
  • Dìthreabh na Sìthe
  • Eaglais an Sheumais

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

Tags:

Cáceres Freumhan an ainmCáceres EachdraidhCáceres LùchairteanCáceres EaglaiseanCáceres Bailtean Co-cheangailteCáceres IomraidheanCáceres Ceanglaichean A-machCáceres791986AbhainnAn SpàinnBaileBarcelonaExtremaduraIPAMadridMuirQuintus Caecilius Metellus PiusRoinn Cáceres

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

An t-Aonadh SobhiatachNollaigLodainn an IarBeininIrène Joliot-CurieBrabhsair-lìn90GàidhligLoch LaomainnDerek Walcottwt5vyPàpa Beinidict XVIEAn t-Aonadh Eòrpach1945Romàinia1892NASALagh na h-AlbaBéal Átha FearnáinBìoball1930Poblachd na h-ÈireannTehran2090anYnys-dduGuianaSluagh-Phoblachd na SìneAstràiliaMuir ÅlandGearradh-armFort Lauderdale, FloridaOtto von BismarckEasbaigFaoileagSìonaÀrc-eòlasGiobraltairWashington (stàit)DinnsearTUCLinn na DeigheSgioba nàiseanta rugbaidh AstràiliaJ13 an Lùnastal1891Adolf Otto Reinhold WindausLiosta dùthchannan a-rèir àireamh-shluaighMadridEaglais2000Na Dùthchannan AonaichteCreideamhCSandra WhiteGual2002Na h-Iomaratan Arabach Aonaichte21 am Màrt5 an t-IucharHallands länGreugais1901734NobhailNòsPrìomh-bhaileSaarlandDùthaich nan TàidhCatMacBheatha na h-Alba🡆 More