Beeswing

‘S e baile beag dùthchasail faisg air An Abaid Ùr, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Beeswing (Taobh an Locha o shean).

Beeswing
Beeswing
Beeswing
Suidheachadh
Dùthaich Beeswing Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 00′ 25″ Tuath
03 43′ 38 ″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

Tha e suidhichte aig 98m os cionn ìre na mara, ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Dail Bheithe agus Dùn Phrìs, ri taobh Loch Artair. Tha e 258km air falbh bho Obar Dheathain, 98km bho Ghlaschu, 14km bho Dhùn Phrìs agus 111km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Beeswing. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha coimhearsnachd sònraichte ann a bhios a' dèanamh caise, fo stiùireadh na Camphill Village Trust, gus daoine sònraichte a chuideachadh. Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bun sgoil ann an Cill Fhinnein agus dhan àrd sgoil ann an Dail Bheithe.

Eachdraidh

Tha tobhtaichean chrannaig neo dhà sa loch agus chithear curach san taigh-tasgaidh ann an Dùn Phrìs, a chaidh a' lorg an seo sna 30an. Tha beul-aithris ag innse dhuinn gur ann Loch Artair a thachair tachartasan co-cheangailte ri Ban-tighearna an Locha sna Sgeulachdan mu dheidhinn an Righ Artair. Bha Seann Chuimris ga bruidhinn sa sgìre o shean agus tha ainm an Righ Artair air an loch, ach cha mhi na h-eachdraichean idir a' dearbhadh na sgeòil sin. B' e Taobh an Locha (Beurla Ghallda: Lochend) an t-ainm a bha air Beeswing gu ruige an 19mh Linne. Cheannaich Robert Orde an taigh-òsda, air an robh Lochend Inn. Dh'atharraich e ainm gu Beeswing Inn, mar chuimhne air deagh eich rèisidh a bhuannaich an Ascot Gold Cup ann an 1842, agus mean air mhean thugadh ainm an taigh-osda dhan bhaile. A dh'aindeoin sin, s' e Lochend a bha air an eaglais gus an latha an-diugh. Chaidh eaglais a thogail ann seo ann an 1868 a bhuineadh dhan Eaglaise Shaoir aig an toiseach, ach dh'aontaich e ri Eaglais na h-Alba ann an 1929. Tha e dùinte a-nis.

Iomraidhean

Tags:

1975AlbaAn Abaid ÙrBaileBeurlaBeurla GhalldaCaiseComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDail BheitheDùn PhrìsDùn ÈideannDùthaichEaconomaidhGlaschuLochMuirObar DheathainSiorrachd Chille ChuithbeirtÀiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Devanāgarī20081924Oklahoma City, OklahomaCalbhanaichForbesNa Stàitean AonaichteAirmeinia198319351855Gordon BrownRoinnean ann an ColoimbiaFaclairiche48771893Marie AntoinetteBliadhna-leumSgrìobhadairCoirèa a Deas78A' Bheilg33ClòrainCAràibia nan SabhdAsmaraTampa, Florida1861Èirinn a Tuath198970PAn TuircTaghadh ceannardas Partaidh Nàiseanta na h-Alba 20237An t-SeicOilthigh CoimbraRaibeart I na h-AlbaJoliet, IllinoisLusJazzCùbaBealaruisis80Torc fiadhaichTaighConaltradhPàirc HampdenCoirce2215791853Beathach19 an GearranAlba66MathriSiria1871Tsade1885MuirZaragozaBrabhsair-lìnSiostaman cho-chomharranRomàiniaToriumPrìomh-DhuilleagHip-hopI2006An Spàinn🡆 More