An Druim Beag

Tha An Druim Beag (Beurla: Drumbeg) na bhaile croitearachd ann an Asaint, Cataibh.

Tha e suidhichte air an rathad B869 eadar an Nead (san ear) agus Cùl-Cinn an Droma Bhig (san iar). 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 14′ 31.2″ Tuath agus 5° 11′ 56.4″ Iar. Tha Loch an Droma Bhig san iar den bhaile agus tha seallaidhean brèagha aige. Air làithean soilleir chithear Cughann Eadar Dhà Chaolas agus Loch an Droma Bhig.

An Druim Beag
An Druim Beag

Chaidh an Druim Beag a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. Thogadh a' chiad rathad don bhaile aig deireadh na 1800an a bha ga cheangal le Loch an Inbhir. Chan eil port-mara aig an Druim Bheag fhèin, ach tha fear ann mu leth-mhìle air falbh ann an Cùl-Cinn an Droma Bhig. 'S e aon de na bailtean dhen Oighreachd Asaint a Tuath a th' anns an Druim Beag.

An-diugh tha timcheall air 100 duine a' fuireach an seo. Tha taigh-òsta agus bùth-chiùird ann far am faighear ealanan is ceàrdan às an àite fhèin.

Bha pàirt den fhilm ghoirid Zip 'n Zoo air a thogail anns an Druim Bheag. Chaidh am film a stiùireadh le Bruce Robertson ann an 2008 agus bha cuid de mhuinntir an àite a’ cluich ann.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

An NeadAsaintBeurlaCataibhCo-chomharran an DomhainCroitearachdCùl-Cinn an Droma Bhig

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1732Muir ÅlandPàipear-naidheachdDàin do EimhirCòd Àireamh fòn eadar-nàiseantaAdolf Otto Reinhold WindausParaguaidhCopinsayBeurlaRuadhailCarl BorgstrømLisbonPòl Mac a' BhreatunnaichCarles Puigdemont i CasamajóLibearalasTeàrlach IIIIsaac NewtonHawaiiPàpa Beinidict XVI1948BliadhnaSardainiaAn t-Aonadh SobhiatachGhàidhligCànan2003YLàthosMuileMinskBeul FeirsteKarachi13 an LùnastalLeòdhas4mh mìle-bliadhna RCÌmpireachd BhreatainnAndrew Johnson1650anSìona (roinn chultarach)3mh mìle-bliadhna RCAm Faoilleach150041X2020Eaglais ChaitligeachDùmhlachd-sluaighCeàrnAn t-Impireachd Bheasantian1831Poblachd na SìneRiihimäkiPàipearIarannIosraelEMadridCambuideaAstràiliaPàpa Pius VEòlas-comainnCaerdyddLeasotoHTMLWashington (stàit)Facal1998BeijingDeachdaire1930Bunan-lùth nach teirg ann an Alba🡆 More