4°24′53″W / 53.13483°N 4.41470°W / 53.13483; -4.41470
Slighe Cladach Ynys Môn | |
Soidhnichean na slighe | |
Fad | 124 mìle (200 km) |
Àite | Ynys Môn, a' Chuimrigh |
Tòiseachadh | Caergybi |
Crìochnachadh | Caergybi |
Cleachdadh | Coiseachd |
Ìre | Furasta |
Ràith | Fad na Bliadhna |
'S e frith-rathad astair ann an ceann a tuath na Cuimrigh a th' ann an Slighe Cladach Ynys Môn (Cuimris: Llwybr Arfordirol Ynys Môn; Beurla: Anglesey Coastal Path, gu oifigeil "the Isle of Anglesey Coastal Path"). Tha an cas-cheum mu 124 mìle (200 km) de dh'fhaid agus a' leantainn iomall-fairge Ynys Môn. Chaidh an cas-cheum fhosgladh ann an 2006. Tha e na phàirt de Shlighe Costa na Cuimrigh, cas-cheum mu 870 mìle (1,400 km) de dh'fhaid bho Cas-gwent (Beurla: Chepstow) ann an ceann a deas gu Y Fferi Isaf (Beurla: Queensferry) ann an ceann a thuath na Cuimrigh.
Tha an cas-cheum a' leantainn iomall-fairge an eilein air fad ach ann an dà àite, ann an oighreachd Plas Newydd agus aig inbhir Afon Alaw eadar Llanfachraeth is Llanynghenedl. 'S e slighe cearcallach a th' ann a bhios a' tòiseachadh is a' crìochnachadh ann an Caergybi. Anns na leabhraichean-iùil gheibhear stiùireadh tuathal na slighe. Chosg e mu £1.4 millean an t-slighe a thogail. Tha i a' dol tro Area of Outstanding Natural Beauty, roinn a ghabhas a-steach mu 95% de chosta an eilein. Mar sin tha i stèidhichte gu ìre mhòir air na slighean poblach a bh' ann roimhe sin. Fhuaireadh cead bho chuid den na h-uachdaranan cuideachd coiseachd tron fhearann prìobhaideach aca. Tha soidhnichean an rathaid air feadh na slighe. Tha an cas-cheum a' dol tro chruthan-tìre eadar-dhealaichte, leithid fearann-tuathanais, monaidhean le blàir-fhraoich, dùin-ghainmhich, creigean, làthach sàile is coilltean beaga. Tha a' chuid as motha den frith-rathad furasta airson coiseachd, air an t-slighe air fad bidh 13,695 troigh (4,174m) uile gu lèir de rathaidean-dìridh is teàrnaidhean ann. Mar as trice bidh e a' toirt eadar 7 is 10 làithean gus coiseachd timcheall air a' chas-cheum air fad, ged tha feadhainn ann a rinn sin ann an ceithir làithean.
Chaidh an t-slighe a chruthachadh ann an co-bhonn le Menter Môn, buidheann na coimhearsnachd, agus Ùghdarras ionadail Ynys Môn. Fhuair iad maoin bhon Aonadh Eòrpach, gus gnìomhachasan foise is roinn turasachd a leasachadh. Chaidh an cas-cheum fhosgladh gu oifigeil 9 an t-Ògmhios 2006 le Rhodri Morgan.
Tha slighean beaga chun na dùthcha ann a tha ceangailte ri Slighe Cladach Ynys Môn:
Ma choisichear an t-slighe gu tuathal le a bhith a' tòiseachadh ann an Caergybi thèid an luchd-coiseachd seachad air na h-àitichean inntinneach a leanas:
|
|
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Slighe Cladach Ynys Môn, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.