Robert Stevenson

B' e innleadair a bh' ann an Robert Stevenson (Glaschu, 8 an t-Ògmhios 1772 — Dùn Èideann, 12 an t-Iuchar 1850), a tha ainmeil air sgàth nan taighean-solais a thog e.

Robert Stevenson
Robert Stevenson
Beatha
Breith Glaschu, 8 dhen Ògmhios 1772
Dùthaich Robert Stevenson Alba
Bàs Dùn Èideann, 12 dhen Iuchar 1850
Àite-adhlacaidh Old Calton Cemetery (en) Translate
Teaghlach
Athair Alan Stevenson
Màthair Jean Lillie
Cèile Jane Smith (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Oilthigh Shrath Chluaidh
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd einnseanair, einnseanair-thogalach agus innleachdair
Obraichean comharraichte Taigh-solais Bell Rock
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Comann Rìoghail Dhùn Èideann

Rugadh Robert Stevenson 8 an t-Ògmhios 1772 ann an Glaschu. Nuair a bha e dà bhliadhna a dh'aois chaochail athair agus dh'imrich a mhàthair a Dhùn Èideann far an deach Robert don sgoil. Ann an 1787 phòs a mhàthair a-rithist le Thomas Smith. Bha factaraidh obair-iarainn aige. Rinn e cuideachd lampaichean ùra le dealradairean aig an robh solas na bu shoilleire. Anns an àm seo cha robh na taighean-solais ach tùir le teine air a' mhullach no solas fann bho choinnlean. Bha na taobhan-mara glè chunnartach agus chaidh mòran bhàtaichean fodha. Thòisich Thomas Smith air taighean-solais a thogail leis na lampaichean ùra. Chaidh Robert don oilthigh ann an Glaschu agus an uair sin chaidh e ag obair leis a h-oide. Thog iad còmhla cuid taighean-solais air feadh na dùthcha.

Ann an 1805 thòisich Robert air planaichean a dhèanamh airson taigh-solais air "Creag a' Chluig" a thogail. 'S e creag anns a' mhuir a th' ann an "Creag a' Chluig" a bhios mu dheidhinn trì mìle air fhichead bho Obar Bhrothaig. B' e obair glè dhoirbh agus chunnartach a bh' innte. Bha a' chreag fo uisge aig làn mara. Chaidh a h-uile rud feumail a thoirt ann air bàtaichean seòlaidh – clachan, iarainn agus luchd-obrach. Cha robh ach piocaidean agus spaideachan aca. Anns a' gheamhradh no nam bitheadh an t-sìde dona, stoirmeil cha b' urrainn dhaibh a bhith ag obair. Bho àm gu àm sgrios a' mhuir na thog iad. Ann an 1811 bha an taigh-solais deiseil.

Eadar 1811 agus 1833 thog Robert Stevenson sia taighean-solais dheug ann an Alba. Rinn e cuideachd planaichean airson drochaidean, claisean-uisge agus calaichean. Bha triùir den mhic agus dithis de na h-oghaichean aige nan fir-togail taighean-solais cuideachd.

Chaochail Robert Stevenson 12 an t-Iuchar 1850 ann an Dùn Èideann.

Taighean-solais

Robert Stevenson 
Taigh-solais Creag a' Chluig

Seo liosta de na taighean-solais a chaidh a thogail le Robert Stevenson:

An teaghlach aige

  • Robert Stevenson (1772–1850), innleadair Albannach is neach-togail taighean-solais
    • Alan Stevenson (1807–1865), innleadair Albannach is neach-togail taighean-solais, mac
    • David Stevenson (1815–1886), innleadair Albannach is neach-togail taighean-solais, mac
      • David Alan Stevenson, ogha
      • Charles Alexander Stevenson (1855–1950), innleadair Albannach is neach-togail taighean-solais, ogha
        • Alan Stevenson (1891–1971), innleadair Albannach is neach-togail taighean-solais, iar-ogha
    • Thomas Stevenson (1818–1887), innleadair Albannach is neach-togail taighean-solais, mac

Tùsan

  • Bathurst, Bella (1999): The Lighthouse Stevensons. Harper Collins. ISBN 0060194278. 


Tags:

12 an t-Iuchar177218508 an t-ÒgmhiosDùn ÈideannGlaschuInnleadairTaigh-solais

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Amy WinehouseJa, vi elsker dette landetUaireadair-grèineAm Pàrtaidh LàbarachAiltireachdAn t-SèirbFraser StoddartSheffieldPaindealAn FhraingDonald TrumpRaibeart BurnsLe CorbusierFiosaigTràillealachd-drùiseThessalonikiAn TòbAn ObserverSòisealachdMuirReul-eòlasOilthigh MhanitobaTeicneòlasEachdraidh ShasainnInbhir ChargaillJuneteenthJohn AdamsBaile Naoimh Eòin, an Talamh ÙrVladimir PutinLogroñoRoinn-tìdeReykajvikLudwig van BeethovenAmar-snàmhBrabhsair-lìnAn OriantNapoléon BonaparteCamas SgeanailAn t-SeicCoperniciumNaomh PàdraigGiotàrA' ChomraichPablo PicassoBruach-an-IarSloibhìnia854NollaigAn Dàrna CogadhBarcelonaPennsylvaniaCofaidhLiadhagFaisisteachas1898850SpèBaile Shidni, Alba NuadhA' Ghrèig ÀrsaidhFiodhSaidheansIosif Stalin19811550Notre Dame de Paris27 am MàrtUachdaran na h-ÉireannBeyoncéPodgoricaJohannes KeplerCogadh Bhiet-NamJohn Horton Conway🡆 More