'S e neach-poileataigs Breatannach a tha ann an Malcolm Leslie Rifkind (rugadh 21 an t-Òg-mhios 1946).
Dh'ionnsaich e lagh aig Oilthigh Dhùn Èideann agus bha e na òraidiche aig Oilthigh Rhodesia a Deas o 1967 gu 1968. Chaidh e na thagraiche ann an 1970 agus chaidh e a thaghadh mar BhP airson Dùn Èideann Pentlands ann an 1974, far an do mhair e gus chaill e an seat aige ann an 1997.
Bha e ’na mhinistear sa caibineat Thòraidheach aig a’ phrìomhaire Margaret Thatcher agus aig John Major. Bha e ’na Rùnaire Stàite na h-Alba (1986-1990), ’na Rùnaire a' Chòmhdhalach (1990-1992), ’na Rùnaire an Dìon (1992-1995), agus ’na Rùnaire nan Dùthchannan Céin (1995-1997).
Fhad 's a bha e ’na Rùnaire Stàite na h-Alba, rinn e strì sa chaibineat airson airgead £8M sa bhliadhna fhaighinn airson leudachadh mór ann an telebhisean Gàidhlig.
Seòras Younger (1979–1986), Malcolm Rifkind (1986–1990), Ian Lang (1990–1995), Michael Forsyth (1995–1997), Dòmhnall Mac an Deòir (1997–1999), John Reid (1999–2001), Helen Liddell (2001–2003), Alistair Darling (cuideachd Rùnaire Stàite a' Chòmhdhalach, 2003–2006), Douglas Alexander (cuideachd Rùnaire Stàite a' Chòmhdhalach, 2006–2008), Des Browne (cuideachd Rùnaire Stàite an Dìon, 2007–2008), Jim Murphy (2008–2010), Danny Alexander (2010), Mìcheal Moore (2010–2013), Alastair MacIlleMhìcheil (2013-2015), Dàibhidh Mundell (2015–2019), Alister Jack (2019)
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Malcolm Rifkind, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.