Loch Dabhach A' Phùir

4°19′20″W / 57.419444°N 4.322222°W / 57.419444; -4.322222

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Dabhach a' Phùir. Tha e suidhichte air a' Ghàidhealtachd mu 7 cilemeatair san iar-dheas air Inbhir Nis. Tha Loch Nis faisg air, dìreach mu 500 meatair san ear-thuath anns a' Ghleann Mhòr.

Loch Dabhach A' Phùir
Sealladh air Loch Dabhach a' Phùir
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Dabhach a' Phùir
Suidheachadh Loch Dabhach a' Phùir air a' Ghàidhealtachd

Tha an loch mu 1.6 cilemeatairean a dh'fhad agus mu 350 meatair a leud aig an àite as leathainne. Thèid an loch a lìonadh san iar-dheas leis an Abhainn Nis a bhios a' sruthadh a-mach às an loch san ear-thuath.

Tha Loch Dabhach a' Phùir na phàirt dhen Canàl Cailleanach. Nuair a chaidh an Canàl Cailleanach a thogail, dh'àrdaich bàrr uisge an locha mu 3 meatair, tha e a-nis mu 16 meatair (51 troigh) os cionn na mara. Tha e mu 50 troigh aig an àite as doimhne.

Tha an rathad A82 a' dol seachad air bruach tuathail an locha, mar sin tha e furasta ri ruigsinn. Tha Taigh Dabhach a' Phùir, togalach às an 18mh linn, suidhichte air bruach an locha. Tha na gàrraidhean aige tarraingeach don luchd-turais.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

  • Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910). Tha Loch Dochfour air an làimh dheas.

Tags:

Co-chomharran an Domhain

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Hallands länHTMLStaitistearachdBliadhnaSan FranciscoLeasotoConaltradhInnis CheithMinsknhqpbAn Eaglais Shaor ChléireachColaisde na GàidhligAn t-SuainAn IapanAm Baile SearNeach-poileataigsJoachim FrankSìona (roinn chultarach)26 an Giblean2002An FhraingPàpa Pius VGealachTony BlairCarles Puigdemont i CasamajóCànanachas1930UgandaCLunnainnAonadh RugbaidhCádiz (provincia)Kenneth GibsonBurundaidh2005Sluagh-Phoblachd na SìneCarl BorgstrømDùthaich nan TàidhCànan30an RCBermudaSluagh-phoblachd na SìneGreugaisGearradh-armDà-chànanasCill DaraNa h-Eileanan SiarBeul FeirsteCarbad-smùideGraeme Dey1320anNornaisEilean na DeasgabhalachFacalLeòdhas agus na Hearadh1892GàidhligNollaig182720 an Dàmhair1979A' BhruisealLùth3mh mìle-bliadhna RCMichael SmithCuan SèimhNairobiSgairinisMichael JacksonJohn GoodenoughLagh na h-Alba🡆 More