Buinidh an guga do dh'àl an t-sùlaire.
Ann an Earra-Ghàidheal, bhathar a' toirt an fhacail "amhsan" air, agus ann an sgìrean eile, 's e "Caraid nan Gàidheal" a chanadh ris.
Bha an guga ag abachadh aig an aon àm ris an eòrna.
Tha e na chleachdadh aig muinntir Nis bho linn Oisein a bhith a' dol a dh'eilean Shùlaisgeir, le sgothan fosgailte, a dh'iarraidh ghugannan. Tha iad ris an cleachdadh seo fhathast.
Bhiodh na Nisich a' fuireach 7 latha no 8 air Eilean Shùlaisgeir bho chionn còrr is 400 bliadhna, agus a' toirt air ais leotha làn an eathair de dh'eòin 's de dh'itean.
Tha Sùla Sgeir no (Sùlaisgeir), suas ri 40 mìle tuath 's an ear-thuath air Rubha Robhanais, Leòdhas. Tha e leth-mhìle bho cheann gu ceann, agus 200 troigh os cionn na mara.
Chan eil bàgh ann anns an gabh eathar tìr, mar sin, 's ann suas aodann na creige aig ìochdar geodhaidh a tha na h-eathraichean air an tarraing.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Guga, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.