Bàgh Caswell

4°02′51″E / 51.566221°N --4.047584°E / 51.566221; --4.047584

'S e bàgh faisg air Abertawe, a' Chuimrigh a th' ann am Bàgh Caswell (Cuimris: Bae Caswel; Beurla: Caswell Bay). Tha e suidhichte san ear-dheas air leth-eilean ris an canar Gower Peninsula sa Bheurla. Tha tràigh le gainmheach ann, mar sin tha e tarraingeach don luchd-turais, do theaghlaichean is don luchd-surfaidh. Tha inbhe Blue Flag aige. Bho 1972 a-mach 's e Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail (ISSS) na Cuimrigh a th' ann am Bàgh Caswell. Ann an 2006 chaidh am bàgh seo a thaghadh le Guardian.co.uk. mar aon de na 50 tràighean as fheàrr anns an Rìoghachd Aonaichte.

Bàgh Caswell
Tràigh-ghainmhich ann am Bàgh Caswell
Location
Location
Bàgh Caswell
Suidheachadh Bàgh Caswell anns a' Chuimrigh

Goireasan

Bàgh Caswell 
Slugan carraig ann am Bàgh Caswell

Tha e furasta a dhol gu Bàgh Caswell le càr neo busaichean. Tha pàirc-chàraichean faisg air làimh agus tha busaichean a' dol do na bailtean Oystermouth agus Y Mwmbwls a tha suidhichte faisg air a' bhàgh. Chun an ear tha slighe mhath ann a leanas gu Langland Bay agus tha cas-cheum eile a' leantainn gu Brandy Cove agus Pwlldu Bay a tha san àirde an iar Bàgh Caswell.

Tha dà chafaidh ann a tha fosgailte fad na bliadhna. Tha bùth ann cuideachd. Chaidh an "Surfside Café" a mhilleadh le stoirm aig toiseach 2014, ach chaidh e fhosgladh a-rithist as t-earrach an-dèidh càradh. Tha goireasan-ionnlaid poblach (taighean-beaga is fràs) ann cuideachd.

Tha Comhairle Baile Abertawe a' solarachadh seirbhisean luchd-teasairginn a h-uile latha dhen t-seachdain eadar an Cèitean is an t-Sultain. 'S e àite tarraingeach airson surfadh a th' ann am Bàgh Caswell, agus tha sgoil-surfaidh suidhichte an seo far am faighear oideachas fhad na bliadhna.

Tha tèarmann nàdair ris an canar "Bishop's Wood" (coille an easbaige) air cùl a' bhàgh. Tha e daonnan fosgailte don luchd-coiseachd agus tha cothrom ann turas a chur air dòigh leis an ionad Bishop's Wood countryside centre, far am faighear fiosrachadh air bharrachd. Tha Bàgh Caswell ainmeil cuideachd air sgàth 's na sluganan carraig aige.

Anns na 1850an chaidh taigh ann an stoidhle Bhictorianach a thogail air mullach na creige os cionn a' bhàgh. Chaidh an togalach seo a leudachadh mar thaigh-òsta aig an robh an t-ainm "Caswell Bay Hotel". Anns na 1990an chaidh na "Caswell Bay Court apartments" a thogail air an làrach far an robh taigh-òsta roimhe sin.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Co-chomharran an Domhain

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Na h-AimearaganJaén (provincia)Monaco1219Gustav Kirchhoff1899YvelinesACòrn SasannachCànanachasEuroEaglais Fhìor Ìosa20 an LùnastalBogotáEaconomaidhBrabhsair-lìn1578Giùlan780Digital Object IdentifierErwin SchrödingerAdolf HitlerInnis TìleSpàinntisGreugaisCeòlAibidil EabhraChubut2014Fionnlannais15201335Neach-poileataigsÀrsaidheachdCruitBeàrnaraigh na HearadhZenana18501956Baile Átha CliathAlba183830 an t-SultainAn Innd-InnseAlbertaSeoulArgonAn t-Àrd RuighSelenium28 am Màrt1260anDealan2019Carles Puigdemont i CasamajóEilean MhanainnAn ÀithneEunAlasdair Uaibhreach12 an GibleanCeann-fionnPaul KarrerBocsaUisge15 am Faoilleach🡆 More