'S e beinn ann an Afraig an Iar air a’ Ghàidhealtachd a th’ anns an t-Socach.
Tha e 921 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte os cionn Allt Beithe ann an Gleann Afraig ann an sgìre glè iomallach. Tha an t-ainm a' ciallachadh sròn muice. Feumar a bhith cùramach, oir tha beinn eile leis an ainm An Socach os cionn Loch Mullardoch ann am Frìth Beinn Fhionnlaidh an Ear.
An Socach (Gleann Afraig) | |
---|---|
Mullach An t-Socaich, Màm Sodhail agus Càrn Eige sa Chùl | |
Àirde (m) | 921 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Gleann Afraig |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 25 |
Comharradh-clèithe | NH088230 |
'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Mar as trice bithear a' fuireach ann an Gleann Afraig (anns an ostail no a' campachadh), agus ga dhìreadh bho Allt Beithe tro Choire na Cloiche. Tha e reusanta a bhith ga cheangal le Sgùrr nan Ceathramhnan, agus bidh an fheadhainn èasgaidh ga cheangal cuideachd le Màm Sodhail, Càrn Eige agus Beinn Fhionnlaidh air neo le Mullach na Dheiragain . tha dromanan fada a' ceangal nam beann seo uile ri chèile agus fhaodadh coiseachd fad làithean.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Gleann Afraig, Oighreachd Mhonar, Cinn Tàile agus Loch Mullardoch.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article An Socach (Gleann Afraig), which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.