'S e tuigse ann an innealan an àite ann am beathaichean a tha ann an tuigse inntealta.
Mar eisimpleir, tha algairimean as urrainn dhaibh tàileasg is Go a chluicheadh, beathaichean ann an dealbhan aithnicheadh is teacsaichean eadar-theangachadh.
Sgrìobh Alan Turing "Computing Machinery and Intelligence" ann an 1950, anns an do mhol e an Deuchainn Turing. Bha geama Bhictòrianach ann far nach do rinn na cluicheadairean conaltradh ach tro nòtaichean sgrìobhte. Dh'fheum na cluicheadairean tuairmse a dèanamh am b' e boireannach no fireannach a bha anns na cluicheadairean eile. Nam b' urrainn do choimpiutair an geama seo a chluicheadh, carson nam biodh e tuigseach?
Ann an 1963 stèidhich Dòmhnall Michie buidhean rannsachaidh ann an tuigse inntealta aig Oilthigh Dhùn Èideann. Thàinig Richard Gregory is Christopher Longuet-Higgins ann an 1966 is chaidh Roinn Tuigse Inntealta is Lèirsinn a stèidhicheadh. Chaidh an roinn a roinn an dèidh do dh'Aithris Lighthill anns na 1970an.
Tha modalan-cànain fasanta aig an àm seo ach tha Timnit Gebru is Emily Bender an dubh-chàineadh air sgàth 's gu bheil iad daor, gu bheil am pròiseas trèanaidh a' milleadh an àrainneachd is gu bheil na modalan ag ath-riochdachadh claonaidhean ann an dàta an trèanaidh.
Chruthaich Google siostam eadar-theangachaidh air loidhne ann an 2016 agus mar sin tha mòran droch eadar-theangachaidhean le inneal bho Bheurla gu Gàidhlig ri cheannachadh air Amazon.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Tuigse inntealta, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.