Tomás Patten

B' e saighdear saor-thoileach agus Gàidheal à Èirinn, a shabaid ann an Cogadh Sìobhalta na Spàinne, a bh' ann an Tomás Patten (Dumha Éige, Oileán Acla 1910 – Boadilla del Monte, 16 an Dùbhlachd 1936.

Tomás Patten
Tomás Patten
Beatha
Breith Dumha Éige, 1910
Bàs Boadilla del Monte, 16 dhen Dùbhlachd 1936
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs

Bhuineadh Patten do theaghlach uabhasach fhèin mòr agus bha 13 bràthair agus peathraichean aige. Mar a b' àbhaist san sgìre bhochd air a' Ghàidhealtachd a bha siud, b' fheudar do Phatten an dùthaich aige fhèin fhàgail agus chaidh a thall a Shasainn is e na dheugair fhathast. Chuir e seachad bliadhnaichean na fhear-obrach ann an Lunnainn is Poll a' Ghrùthain. Ghabh e pàirt ann am Mòr-dhàil Poblachdach, buidheann Shòisealach Phoblachdach a bh' ann. Dh'fhàg Patten Sasainn san Dàmhair 1936, dìreach an dèidh toiseach a' chogaidh is chaidh e dhan Spàinn na aonar. Fhuar e ballrachd nam Bragaid Eadar-nàiseanta (Spàinntis: Brigadas Internacionales) an siud. Ann am Madrid, bha e anns a' Mhailisidh is e a' cuideachadh ris a' bhaile a dhìon is feachdan nam faisisteach a' toirt ionnsaigh air. Bhathar air a' bhaile a cuairteachadh le taic bho Hitler. Aig a' cheann thall chaidh Patten a mharbhadh aig Boadilla del Monte san oidhche eadar 16/17 an Dùbhlachd 1936. B' e Patten a' chiad Ghàidheal is a' chiad Èirinneach a chaill a bheatha sa chogadh sin.

Choisrig Peadar O'Donnell an leabhar aige, Salud!, gu "a young Achill boy". Nochd Patten ann an òran a sgrìobh Christy Moore Viva la Quinta Brigada cuideachd. Thogadh carragh-chuimhne dha ann an Dumha Éige fhèin ann an 1984, bliadhnaichean an dèidh a bhàis.

Iomraidhean

Tags:

16 an Dùbhlachd19101936Boadilla del MonteCogadh Sìobhalta na SpàinneDumha ÉigeGàidhealOileán AclaSaighdearÈirinn

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

An DàmhairVladimir PutinA' Bheilg85AimsirNils HolmerAn EadailtCleasaicheLàn-thoradh DùthchailCalgaryIotaCasg leatruimBeiliseUilleam Dhòmhnaill 'ic ChoinnichOsàidea a Deas92Linne FoirtheAn Talamh (planaid)ZAm Bàs DubhMosgoÀiteachasEalainInnealRiaghaltasRèidioToruńEadar-theangachadhPär Fabian LagerkvistNa h-Eileanan a-staighPràg18Leonardo Da VinciSheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a DeasAna CasaresLighicheUisge-polo1937AlbaisBiadhAm PlocEadar-lìonPetrópolisDi-ArdaoinRobbie ShepherdBathar-bog150anBreabadairImpireachd nan OtomanachInterlingueZulu (cànan)Bohrium10 an DàmhairPrìomh-DhuilleagIPAAn Baile NuaJean-Jacques RousseauWashington, D.C.Forbes2004Sìonais30 an CèiteanSealtainnBangkokBoireann-dhligheachasFaoiteagHSeinneadairGàidhealtachd na h-AlbaTsarBuirciona Faso8689Fàsach NubianachSiostam Eadar-nàiseanta nan AonadanLuís Vaz de Camões🡆 More