'S e Lunnainn am prìomh-bhaile na Rìoghachd Aonaichte agus Sasainn.
Lunnainn | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Sassainn An Rìoghachd Aonaichte |
Co-chomharran | 51° 30′ 28″ Tuath 0° 7′ 41″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,577.3 km² |
Àireamh-shluaigh | 7,355,400 (2006) |
Dlùths | 4,663.29/km² |
Duilleag oifigeil | www.London.gov.uk |
Tha e suidhichte anns an ear-dheas de Shasainn air an Abhainn Thames agus tha daoine air a bhith fuireach ann airson corr air dà mhìle bliadhna le mu 7 millean 'sa bhaile fhèin an diugh agus mu 6 millean eile mu chuairt air. 'S e Lunnainn aon de na bailtean is motha agus is ainmeil 'san t-saoghal. 'S e prìomh-bhaile ionmhasail na Roinn-Eòrpa a th' ann agus thèid iomadach cànan, dualchas, dream agus buidheann creideamh a lorg ann.
Tha iomadh taighean-tasgaidh ainmeil ann an Lunnainn: An Taigh-tasgaidh Breatunnach, Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdurrach, Taigh-tasgaidh Victoria agus Albert, Taigh-tasgaidh Chogaidh an Ìompaireachd agus barrachd.
Stèidhich na Ròmanaich baile den ainm Londinium air an Abhainn Thames mun 50mh bliadhna. An dèidh do na Ròmanaich Breatainn fhàgail bha am baile falamh airson ùine. Mun 9mh Linn thoisich daoine a tilleadh agus dh'fhàs e gus an e am baile is motha ann an Sasainn. Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Lunnainn, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.