Gualan

Is e eileamaid cheimigeach a tha ann an gualan, no carbon le samhla C agus àireamh atamach 6. 'S e an siathamh eileamaid air a' chlàr pillteach agus is e neo-mheatailt a th' ann. Is e an ceathramh eileamaid nas cumanta anns a' ghrian a tha ann an carbon.

Gualan
Gualan
Graifit agus daoimean
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla C
Àireamh 6
Buidheann 14
Ùine 2
Bloca p
Seòrsa Neo-mheatailtean
Buadhan stuthach
Dath Gun dath / Dubh
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da 12.0096–12.0116
Comh-dhealbhadh atamach [He] 2s2 2p2
Cor ogsaideachaidh –4, 0, +2, +4
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 1086.46
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 2352.65
3mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 4620.50

Cruthan

Bidh gualan a' nochdadh ann an dà dhòigh gu nàdarrach, graifit is daoimean.

Ann an daoimeanan tha a h-uile atam gualain ceangailte ri ceithir ataman eile ann an structar ceithir-shliosnach agus sin as coireach tha daoimeanan glè chruaidh. Chan eil eileagtronan saor ann agus mar sin 's e còmhdach-dealain a tha anns an daoimean. Cruaidh is gu bheil daoimean, tha graifit maoth is e co-dhèanta a fhillidhean anns a bheil a h-uile atam ceangailte ri trì ataman eile is eileagtron saor aig gach atam. 'S urrainn do na fillidhean a shleamhnachadh air muin a chèile is sin as coireach tha e maoth is 's e stuth-giùlain a tha ann air sgàth nan eileagtronan saora.

Tha e ri fhaotainn cuideachd gu innealta ann an cruth air a bheil fullerene a chaidh a lorg ann an sùith ann an 1985 aig Oilthigh Rice le Harry Kroto, Richard Smalley is Robert Curl. 'S ann a mhoileciuilean cruinn a tha na fullerenes co-dhèanta, mar as àbhaist 60 ataman.

Eachdraidh shaidheansail

Ann an 1772, dhearbhaich Antoine Lavoisier gur an aon rud a bha ann daoimean agus gual-fhiodha. Ann an 1779, dhearbhaich Carl Wilhelm Scheele gur an aon rud a bha ann graifit agus gual-fhiodha. Ann an 1789, liostaich Antoine Lavoisier carbon mar eileamaid.

Cleachdaidhean

Tha gualan ga chleachdadh airson lùtha, mar eisimpleir o ghual no bho ghual-fhiodha. Chan eil mòran achaidhean-guail air a' Ghàidhealtachd seach aon faisg air Machaire Shanais a dhùin ann an 1967 agus fear eile ann am Brùra a dhùin ann an 1974.

Tha tasgadh nàdarra de ghraifit ann am Borrowdale, Cumbria. Chaidh an graifit seo a chleachdadh airson caoraich a chomharradh agus molldairean mus deach gnìomhachais peansail a stèidheachadh air anns an 19mh linn.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Gualan 
Commons
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Gualan CruthanGualan Eachdraidh shaidheansailGualan CleachdaidheanGualan IomraidheanGualan Ceanglaichean a-machGualan

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Anna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannDiobùtaidhBraisilDi-dòmhnaichMianmarFuadach nan GàidhealHCharles DarwinCànan nam MāoriCatalanaisSaideal (reul-eòlas)HawaiiCoirèa a DeasKemperToni MorrisonAsmara1710anMarie AntoinetteNa h-AilpeannanHauts-de-Seine1931CamarunKigaliKen KeseyDà-chànanasRubhandaGamal Abdel NasserAn EilbheisDigital Object Identifier1546“Esoterism”2024John F. KennedyDeuchainn-lann202119581010anNantesMiotas-eòlasTsadeNa h-Iomaratan Arabach Aonaichte1388Mel Gibson881Recep Tayyıp Erdoğan2020Àrd-thìrMainzCleopatra1890anBert Weedon29 an LùnastalDuitsisGabon30 an t-IucharAberfalLochan FadaBarail-fhuasgladhIterbiumTionndadh GnìomhachaisPrìomh-DhuilleagPort1864Dealan31 an t-IucharNa h-Eileanan CròlainneachSaideal fuadain1200Adhair2004Sèirbis31 am FaoilleachBotal-teth🡆 More