Funza

'S e fear dhe na 116 bailtean ann an Cundinamarca, Coloimbia.

Funza
Funza Funza
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Funza
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: {{{DEALBH}}}|300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Funza Coloimbia
Roinn Funza Cundinamarca
Àirde 2548m
Co-chomharran 4° 43' 0 Tuath
74° 13' 00 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 70 km²
Àireamh-shluaigh 61,380 (2005)
Dlùths 876.86/km²
Duilleag oifigeil Comhairle Fhunza

Tha e suidhichte anns an sgìre Sabana Occidente aig 24km bho Bhogotá. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1600.

Tha am facal Funza a’ ciallachadh fireannach neartmhor is 's e facal Tùsanach a th' ann. Tha am baile am broinn a’ Cheàrn chathaireil Bhogotá, a-rèir a’ chunntas-sluaigh 2005. 'S e Funza an 68mh baile as motha na dùthcha.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 61,380 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 4,270 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Funza (is mòran dhuibh mestizos), tha 0.2% dhe Tùsanaich agus tha 0.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 95% dhe na daoine ann an Funza leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 64.2% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Funza. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

Chaochail Diego Lemos an seo ann an 1908

Turasachd

  • Obair-ciùird: Clò ann an olann ùr agus crochet, slapagan cruthaichte air seann bhòtannan agus rudan glainne.
  • Seipeil an Naoimh Mhàrtainn
  • Talla a' Chultair
  • Àros Catama
  • Àros Ramada
  • Boglaichean Gualí
  • Taigh-tasgaidh a’ Pharraist

Ciamar a ruigeas tu

  • Bho Bhogotá: Aig stèisean 80 an TransMilenio, thoir am bus dùthchasail. Tha busaichean dùthchasail eile rim faotainn ann an Avenida Centenario aig Avenida de Las Américas cuideachd.
  • Bho Bhogotá tro Fhontibón: Thoir am bus ann an Avenida Centenario aig Avenida Boyacá.

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

Funza 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Funza Sluagh a bhaileFunza FèiseanFunza Daoine AinmeilFunza TurasachdFunza Ciamar a ruigeas tuFunza IomraidheanFunza Ceanglaichean A-machFunza1600BogotáColoimbiaCundinamarca (Roinn)

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

TractarFriedrich Engels1995Foghlam2016Fànas1846Ball-coise AimearaganachDràmaireSlòbhacais1998PearùClàirneidACÀiteachas1379ÀirdeKhmelnytskyi5 an t-Ògmhios2020Beurla ReagairdRaon Ghàsa1466Ball-coiseOpra18 an t-SamhainAchd na Gàidhlig 200565CeòlCarles Puigdemont i CasamajóGini-BissauEasbaigPàisteA’ ChòrnKobeSasainnA' GhearmailtTimișoaraSiùrsachd2013Donald Trump1865Uruguaidh1963FìdheallÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteNikita HruŝëvNa LochlannaichAimearaga a TuathBathar-cruaidhCrìosdaidheachdSanto Domingo540an RCCànanMosgoMonroviaNa h-Eileanan CanàrachAbhainn ChluaidhCSSNiocaraguaCorp-eòlasLuccaLa HabanaIùdhachdBoston, MassachusettsRéunionDenver60Pàipear-èibhinnAn LaitbheGàidhligLeòmhann1778🡆 More