'S e aonad mheudachaidh saidheansail eadar-nàiseanta th' ann an ångström (Samhla saidheansail: Å, IPA: ɔŋstrøm).
Tha an t-ångström co-ionnan ri 0.1 nanomeatair no 1 × 10−10 meatair agus 1/6.438,4696 tonn-fhad loidhne dhearg speictreach san speactram sgaoileadh chadmium. 'S àbhaist do luchd-saidheans an t-ångström a chleachdadh airson ataman, fad nam bann ceimigeach, speactram an t-solais agus cumaidhean nan cuairt aonaichte a mheudachadh. Thathar cuideachd ga chleachdadh ann am bith-eòlas structarail. 'S ann às an fhiosaigiche Suaineach Anders Jonas Ångström a tha an t-ainm. Chan eil an t-ångström idir na phàirt den t-Siostam Eadar-nàiseanta nan Aonadan (SI). A dh'aindeoin sin, 's e an t-ångström a chleachdar mar as àbhaist airson astaran no radii atamach agus tonn-fhadan ann an speactramsgòpadh a mheudachadh, bho 1961 a-mach, aig a' char as lugha. Sgrìobhar an samhla Å mar a leanas: Ctrl+Shift+@+A.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Ångström, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.