‘S e baile meadhanach agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) faisg air IJmuiden agus Haarlem, air an àirde an iar nan Tìrean Ìsle a th' ann an Zandvoort (IPA: zɑntfoːrt, ainm slàn: Zandvoort aan Zee).
Zandvoort
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Noord-Holland | ||||
Co-chomharran | 52° 37 00' Tuath 04° 53 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 44.34 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 16,603 (2012) | ||||
Dlùths | 374.45/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 31) 023 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Tha e suidhichte air oirthir A' Chuain a Tuath le tràighean àlainn air a thaobh, 6m os cionn ìre na mara, anns an roinn Òlaind a Tuath (Duitsis: Noord-Holland), 25km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 50km bho Rotterdam, 36km bho Den Haag, 101km bho Zundert agus 51km bho Utrecht. Chaidh Zandvoort a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1100 mar Sandevoerde agus 's ann leis na Van Brederode a bha e gu ruige 1722. Tha 16,603 duine a' fuireach ann. 'S e àite uabhasach cliùiteach taobh turasachd leis gur e an tràigh bhreàgha as faisg air Amsterdam a th'ann agus o chionns' gu bheil slighe-rèisidh nan càraichean an seo cuideachd. Tha an t-aim a' ciallachadh Àth na Gainmhich, bho dhà fhacal san Duitsis: zand (gainmheach) agus voort (àth).
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Zandvoort, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.