Wuppertal

'S e baile mòr gnìomhachail faisg air Düsseldorf air an àirde an iar na Gearmailt a th' ann an Wuppertal (IPA: ˈvʊpɐtaːl).

Wuppertal
Wuppertal Wuppertal
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Wuppertal
Wuppertal
Suidheachadh
Dùthaich Wuppertal A' Ghearmailt
Ceàrn Ruhrgebiet
Sgìre Wuppertal Nordrhein-Westfalen
Co-chomharran 51° 16 00' Tuath
07° 11 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 168.41 km²
Àireamh-shluaigh 355,004 (2020)
Dlùths 2,107.97/km²
Àireamh fòn +49 0202, 02058, 02053
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Wupper, aig 160 m os cionn ìre na mara, anns an raon gnìomhachais Ruhrgebiet, san stàit (Gearmailtis: Land) Nordrhein-Westfalen. Tha 355,004 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh

Chaidh Wuppertal a chruthachadh ann an 1929 nuair a dh' aontachadh Beyenburg, Barmen, Cronenberg, Elberfeld, Langerfeld, Ronsdorf agus Vohwinkel ann an aon bhaile. Aig an toiseach-tòisichidh chanadh Barmen-Elberfeld ris, ach bhot muinntir an àite airson ainm ùr - Wuppertal - a tha a' ciallachadh Gleann Wupper. Chaidh na coimhearsnachd sin uile a chlàradh airson a' chiad turais anns na meadhan aoisean, mar a leanas: Cronenberg (1050), Barmen (1070), Elberfeld (1161), Ronsdorf (1246), Beyenburg (1298), Langerfeld (1304), agus Vohwinkel (1356). Bhuinneadh cha mhor a h-uile gin dhiubh do dh' Àrd-diùcachd Bherg. Thogadh campa-prìosain tràth an seo, air an robh KZ Kemna, a bha ag obrachadh eadar 1933 agus 1934. B' e àite far a phrìosanachadh daoine a bha an aghaidh Nàsachd. Sheas cuid a dhaoine na Gearmailt an aghaidh Adolf Hitler an seo ann an 1934, nuair a chuir buidheann de Crìosdaidhean ainmean dhan Barmer Theologische Erklärung (Gàidhlig: Foirgheall Diadhaireach Bharmen), a thuirt nach b' urrainn do Chrìosdaidhean a ghabhail ri Nàsachd idir.

Daoine ainmeil

Bailtean co-cheangailte

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Tags:

Wuppertal EachdraidhWuppertal Daoine ainmeilWuppertal Bailtean co-cheangailteWuppertal Ceanglaichean a-machWuppertal IomraidheanWuppertalA' GhearmailtBaileDüsseldorfGearmailtisIPANordrhein-Westfalen

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Ceann-fionnBogotáYvelinesDonostiaFèineag7mh Linn1899EunLon dubh14 an Lùnastal1627Argon1960UicipeidGeorge H. W. BushAstràiliaCailein T. MacCoinnichVáclav HavelAn Àithnelàrach-lìnCroitearachdCruitHionduthachdBuain na mònaCruinn-eòlasFrederick John Robinson, 1d Biocas GoderichEastoinisBeathaicheanÈirinn (eilean)Na h-Eileanan FilipineachPoileataigsSileadh30 an DàmhairLuibh-eòlasZenanaStaitistearachd1937MalairtNa Stàitean AonaichteA' ChongoUisge Dhè, Siorrachd Obair DheathainLiosta dhaoine à AlbaAn Cogadh MòrGàidhlig na h-ÈireannCorp-eòlasProbhaist18381850CoimpiutaireachdAn Talamh (planaid)1912Alexei Navalny133528 am MàrtStefania TurkewichRotterdamSudanMatamataigear150418 an GibleanGuatamalaFiadhSuainisPrìosan🡆 More