'S e neach-poileataigs à Alba a bha ann am Winnie Ewing.
Tha i ainmeil air sgàth a buannaich airson nan Nàiseantach ann am frith-thaghadh Hamilton ann an 1967. Rugadh i mar Winifred Woodburn agus thogadh i ann an Glaschu agus bha i na h-oileanach aig Oilthigh Ghlaschu far an do dh'ionnsaich i lagh. Chaill i a seat ann an 1970 agus bhuannaich i Moireabh agus Inbhir Narann ann an 1974. Chaill i an seat seo ann an 1979. Bha i na Ball-Pàrlamaid Eòrpaich airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean eadar 1979 agus 1999 far an d'fhuair i am far-ainm Madame Écosse agus bha i na ball-liosta anns a' Phàrlamaid na h-Alba airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean eadar 1999 agus 2003.
Tha a mhac, Fergus Ewing agus a nighean, Annabelle Ewing, cuideachd nan luchd-poileataigs, agus bha a bean-mhic, Mairead Ewing, cuideachd na neach-poileataigs mus do chaochail i ann an 2006. Chaochail i aig aois 93 anns an Ògmhios 2023.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Winnie Ewing, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.