Villeblevin

'S e clachan air àirde an ear na Frainge a th’ ann an Villeblevin.

Villeblevin
Villeblevin
Suidheachadh
Dùthaich Villeblevin An Fhraing
Ceàrn Villeblevin Yonne
Sgìre Villeblevin Bourgogne
Co-chomharran 48° 19’ 31 Tuath
03° 04′ 57 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7.36 km²
Àireamh-shluaigh 1,806 (2008)
Dlùths 245.38/km²
Àireamh fòn 03 86
Duilleag oifigeil Duilleag oifigeil

Tha e suidhichte anns an sgìre (Fraingis: Département) Yonne, anns an roinn (Fraingis: Région) Bourgogne, eadar 53m agus 118m os cionn ìre na mara (meadhan dhe 88m), ri taobh na h-Aibhnichean Yonne agus Gâtinais, anns a’ Ghleann Yonne, aig astar dhe 182km bho Dhijon agus 82km bho Pharis prìomh-bhaile na dùthcha. Tha 1,806 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.

Chaochail an sgrìobhadair Albert Camus (19131960) ann an tubaist air an rathad N5 faisg air Villeblevin. Tha am Pàirc Nàdarra Gâtinais faisg air a' bhaile cuideachd.

Ainm a’ bhaile

Sgrìobhadh an t-ainm ann an caochladh dhòigh fad na linntean, ach 's e "Villapoplinam", "Villablovinam" neo "Villablovanam" a bh' ann an fheadhainn na b' aosta, leis gun do nochd iad ann an 11mh linn. 'S e eileamaid uabhasach cumanta ann an ceann a tuath na sgìre a th' ann an "Ville" (Laideann: Villa), mar eisimpleir: Villeneuve, Villecien, Villebougis, Villemanoche, is e a’ ciallachadh tuathanas Gallo-ròmanach, ga chleachdadh bhon an 8mh linn. Thathar dhen bheachd gur ann à ainm Gearmailteach mar "Bhlouain", "Blouvyn", "Blevin" neo "Bobolenus" a tha an t-ainm.

Eòlas-sluaigh

Seo mar a dh’fhàs àireamh-shluaigh a’ bhaile anns an dàrna leth dhen 20mh linn. Figearan bho INSEE

Villeblevin

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

Tags:

Villeblevin Ainm a’ bhaileVilleblevin Bailtean Co-cheangailteVilleblevin IomraidheanVilleblevin Ceanglaichean A-machVilleblevinAbhainnAn FhraingBourgogneClachanDùthaichFraingisGleannMuirParisYonne

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

BàrdCumhachd na GaoitheDuine-uasal14 an CèiteanMel GibsonBaile na h-Ùige13 an t-ÒgmhiosCofaidhDuluth, Minnesota24 an GibleanBuadhair1607Sgurr na CìcheSapphoSolnaNathair-mhara (snàigean)BautzenBeinin10an RCMartin Luther King, Jr.1878George PorterSgaoileadh-cumhachdTai-Bhàn (eilean)Jason Bateman193618221927CoirceCille Bhrìghde an Ear (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)Nassau15048LeòmhannCòrn SasannachRothairCatCòiseamKingston, IaimeucaA' BhealaruisA' Bhreatainn BheagKami (dia)Ball-stèidhe123Clò-bhualadhÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteLùth ath-nuadhachail2005Gàidhlig114Meagsago NuadhDerwen1480anBursa560anSgioba nàiseanta criogaid BhangladaisPeairt1183Tarragona (provincia)Stèisean Dhùn Chailleann is BraonanNaimibiaAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannInnis TìleLochCeòl1483MalairtMargaret Fay ShawPrìomh-mhinistearan na h-AlbaCath na Bòinne634Ceithir dùil phrìomh-shamhlachWilliam Moerner🡆 More