'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann an Vesturland (Gàidhlig: Tìr an Iar).
Vesturland | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Innis Tìle |
Prìomh-bhaile | Borgarnes |
Siorrachdan Traidiseanta | Borgarfjarðarsýsla, Dalasýsla, Mýrasýsla agus Snæfellsnes- og Hnappadalssýsla. |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 9,522 km² |
Àireamh-shluaigh | 15,025 (2019) |
Dlùths | 1.58/km² |
Duilleag oifigeil | Vesturland |
Tha e suidhichte gu tuath air Reykjavík, eadar Höfuðborgarsvæðið, Norðurland vestra, Suðurland agus Vestfirðir. 'S e Akranes a th' anns a' bhaile as motha na roinne, ged a tha a cuid rianachd phoblaich suidhichte ann am Borgarnes.
Eadar 965 agus 1874 bhuinneadh Vesturland gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Vestfirðingafjórðungur/Breiðfirðingafjórðungur còmhla ri Vestfirðir. 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann am Vesturland gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.
Seo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich. Thuit an uiread dhaoine a tha san roinn an dèidh a' Chogaidh ach tha e a-nis nas àirde na bha e a-riamh.
Bliadhna | Àireamh-sluaigh | % Nàiseanta |
1920 | 10.167 | 10,77% |
1930 | 9.636 | 8,87% |
1940 | 9.927 | 8,17% |
1950 | 10.065 | 6,98% |
1960 | 11.973 | 6,68% |
1970 | 13.205 | 6,45% |
1980 | 14.884 | 6,44% |
1990 | 14.537 | 5,64% |
2000 | 14.263 | 5,01% |
2010 | 15.370 | 4,84% |
Tha ceithear seann shiorrachdan ann am Vesturland: Borgarfjarðarsýsla, Dalasýsla, Mýrasýsla agus Snæfellsnes- og Hnappadalssýsla.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Vesturland, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.