'S e bàrd agus sgrìobhadair Ucràineach a th' ann am Vasil Andriyovich Marsyuk (Ucràinis: Марсюк Василь Андрійович, Marinka 21 am Màrt 1938).
Bhuinneadh e do theaghlach bochd ann am baile mèinnearachd, às aonais athar, a bha na phrìosanach poiliteagach. Thug Marsyuk ceum bho Sgoil Teagaisg aig Oilthigh na Stàite ann an Kyiv. Bha e ag obair aig an Sgoil Teagaisg ann an Cherkasy, ach b' fheudar dha falbh a chionn' s gu robh e an-còmhnaidh ann an trioblaid leis na ùghdarrasan air sgàth 's gun sgaoileadh litreachas samizdat agus airson a dàimhe càirdeil leis an sgrìobhadair Andriy Khimenko (Khimko). Às deidh dà bhliadhna a' leantainn Chùrsaichean Litreachais Àrd-ìre aig Institiud Litreachais ann am Mosgo, chaidh ainmeachadh na cheannard air Comann Litreachais Roinneil Cherkasy airson ùine fhada, far a stiùireadh e stiùidio cruthachail. Às deidh dha gluasad gu Kyiv ann an 1986, dh' obair e fad faisg air deich bliadhna ann an diofar dhreuchdan deasachaidh aig taigh foillseachaidh litreachas cloinne air a bheil Veselka. Fhuair e ballrachd Comann Sgrìobhadairean na h-Ugràine ann an 1974.
Vasil Marsyuk | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Marinka (Donetska Oblast), 21 dhen Mhàrt 1938 |
Foghlam | |
Cànain | Ucràinis |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair |
Ballrachd | National Writers' Union of Ukraine (en) |
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Vasil Marsyuk, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.