‘S e baile mòr agus port cudromach air oirthir an ear na Spàinne a th’ ann València (IPA Catalanais: va'lensia, IPA Spàinntis: ba'lenθja).
València
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | València | ||||
Sgìre | Co-chomann València | ||||
Co-chomharran | 39° 29' Tuath 00° 22' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 134.65 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 809,267 (2010) | ||||
Dlùths | 6,010.15/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 963 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Chaidh e a stèidheachadh mu 137 Ro Chrìosd le Saighdearan Ròmanach. Sgrìobh Livius gur ann às an fhacal Laideann Valentia, a tha a’ ciallachadh fearalas, a bha an t-ainm. Tha València suidhichte air a’ Mhuir Meadheanach, aig 10m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Turia. Tha València 307km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 291km bho Bharcelona. Tha 809,267 daoine a’ fuireach ann an València, am baile as motha anns a' Cho-chomann València agus an treas baile na Spàinne. Chaidh an Llotja, neo Maragaidh Shìoda, ainmeachadh na Àite Dualchas na Cruinne le UNESCO. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne València a th’ann València cuideachd.
Tha cuid a luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à Valentia Edetanorum, (IPA: waˈlentia, Gàidhlig: Gaisge) ann an Laideann a th' ann an t-ainm air sàilleabh gun tug an sgìre gu seann shaighdearan arm nan Ròmanach anns an dàrna linn. Chleachadh an t-ainm بلنسية (Balansiyya) airson na sgìre air fad agus مدينة التراب (Medina at-Turab) airson a’ bhaile ann an Arabais ro 1245 – ‘s e an abhainn Turia a shruthas tron bhaile fhèin. Chaidh fuaimneachadh an ainm atharrachadh fad na linn gu nàdarra gu baˈlenθja ann an Spàinntis – ged a thathar ga fhuaimnechadh ann an dòigh gu math dlùth air Laideann ann an Catalanais: w → b agus t → s.
Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.
A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an València. Cha thuit ach 475mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 698mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite gu math tioram a th' ann.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article València, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.