ainmean Leabhraichean

Tha an duilleag seo a' mìneachadh na poileasaidhean a dh'aontaich a' choimhearsnachd a thaobh ainmean leabhraichean air Uicipeid na Gàidhlig.

Feuch is na atharraich na riaghailtean gun deasbad roimhe air duilleag na deasbaireachd.

Seula nam poileasaidh Poileasaidh ainmean leabhraichean

1) Cleachdaidh sinn cruth Gàidhlig airson leabraichean a bha air an sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig:

2) Cleachdaidh sinn cruth Gàidhlig airson leabraichean a nochd an clò mar eadar-theangachadh do Ghàidhlig, ach feumaidh ath-threòrachadh a bhith ann:

  • ✔ Am Prionnsa Beag
    a) Air aiste an leabhair fhèin, feumaidh an cruth tùsail a nochdadh ann an toiseach na h-aiste.
      • (le ath-threòrachadh o Le Petit Prince)
    b) Air aiste eile, m.e. aiste sgrìobhadair an leabhair, cleachdaidh sinn an cruth Gàidhlig, leis a' chruth thùsail ann an camagan a' chiad turas a tha an leabhar air ainmeachadh:
    • Am Prionnsa Beag (Fraingis: Le Petit Prince, 1943)

3) Cleachdaidh sinn cruth tùsail airson leabraichean nach do nochd an clò mar eadar-theangachadh do Ghàidhlig:

  • ✔ Animal Farm seach ✗ Tuathanas Ainmhidhean
    a) Air aiste an leabhair fhèin, bu chòir dha eadar-theangachadh do Ghàidhlig a nochdadh ann an toiseach na h-aiste.
    b) Air aiste eile, m.e. aiste sgrìobhadair an leabhair, cleachdaidh sinn an cruth tùsail, leis a' chruth Ghàidlig ann an camagan a' chiad turas a tha an leabhar air ainmeachadh:
    • Animal Farm (Tuathanas Ainmhidhean, 1945)
    c) Mur e leabhar Beurla a tha ann ach nochd e an clò ann an eadar-theangachadh Beurla, bu chòir dhan ainm Beurla a leantainn an eadar-theangachadh Gàidhlig, agus bu chòir dha ath-threòrachadh a bhith ann:
    • Vingt mille lieues sous les mers (Fichead Mìle Lèigean fon Mhuir, 1870; air fhoillseachadh mar Twenty Thousand Leagues Under the Sea sa Bheurla)
      • (le ath-threòrachadh o Twenty Thousand Leagues Under the Sea)
    d) Mur eil an t-ainm san aibidil Laidinneach, cleachdaidh sinn tar-sgrìobhadh oifigeil, mar eisimpleir ISO-9 airson tar-sgrìobhadh na h-aibidil Cirilich, a' leantainn leis an eadar-theangachadh do Ghàidlig agus an litreachadh thùsail. Ma nochd an leabhar an clò ann an eadar-theangachadh Beurla, leanaidh an t-ainm Beurla cuideachd, agus bu chòir dha ath-threòrachadh a bhith ann:
    • Vojna i mir (Cogadh is Sìth, 1869; Война и мир san aibidil Ruisis, air fhoillseachadh mar War and Peace sa Bheurla)

Tags:

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

FraingisGeòlasEaglais Fhìor ÌosaStefania TurkewichA' ChuimrighLucsamburgFergie DòmhnallachAonachNa h-Eileanan FilipineachBogotá19 an GearranPoblachd na Sìne2 an GearranDàirichKarachi1934Deimos12 an t-ÒgmhiosReykjavíkAlexei NavalnyÁlava (provincia)Roinnean na SpàinneNa h-Aimearagan1504Àrsaidheachd9 an LùnastalAinmh-eòlas19 an DùbhlachdPrìomh-Dhuilleag7mh LinnLàrach-lìn780Madadh-cuainMìosachan GriogarachCoimpiutaireachdMosgoFreetownLiosta dhaoine à Alba1520MonacoMarie Antoinette19mh LinnFèineagEl Salbhador1986Vizcaya (provincia)21 an GibleanPoilisacaraid1937Carles Puigdemont i CasamajóGuatamalaIomadachadhAstràiliaDigital Object IdentifierCorp-eòlasPagastànAn Crios-GrèineBrabhsair-lìnTorontoJosé Vicente Concha🡆 More