Tomás Patten

From Wikipedia, the free encyclopedia

B' e saighdear saor-thoileach agus Gàidheal à Èirinn, a shabaid ann an Cogadh Sìobhalta na Spàinne, a bh' ann an Tomás Patten (Dumha Éige, Oileán Acla 1910Boadilla del Monte, 16 an Dùbhlachd 1936.[1]

Tomás Patten
Monument à Thomas Patten, Achill.jpg
Beatha
BreithDumha Éige, 1910
BàsBoadilla del Monte, 16 dhen Dùbhlachd 1936
Dreuchd
Dreuchdneach-poileataigs

Bhuineadh Patten do theaghlach uabhasach fhèin mòr agus bha 13 bràthair agus peathraichean aige. Mar a b' àbhaist san sgìre bhochd air a' Ghàidhealtachd a bha siud, b' fheudar do Phatten an dùthaich aige fhèin fhàgail agus chaidh a thall a Shasainn is e na dheugair fhathast. Chuir e seachad bliadhnaichean na fhear-obrach ann an Lunnainn is Poll a' Ghrùthain. Ghabh e pàirt ann am Mòr-dhàil Poblachdach, buidheann Shòisealach Phoblachdach a bh' ann. Dh'fhàg Patten Sasainn san Dàmhair 1936, dìreach an dèidh toiseach a' chogaidh is chaidh e dhan Spàinn na aonar. Fhuar e ballrachd nam Bragaid Eadar-nàiseanta (Spàinntis: Brigadas Internacionales) an siud. Ann am Madrid, bha e anns a' Mhailisidh is e a' cuideachadh ris a' bhaile a dhìon is feachdan nam faisisteach a' toirt ionnsaigh air. Bhathar air a' bhaile a cuairteachadh le taic bho Hitler. Aig a' cheann thall chaidh Patten a mharbhadh aig Boadilla del Monte san oidhche eadar 16/17 an Dùbhlachd 1936. B' e Patten a' chiad Ghàidheal is a' chiad Èirinneach a chaill a bheatha sa chogadh sin.[2]

Choisrig Peadar O'Donnell an leabhar aige, Salud!, gu "a young Achill boy". Nochd Patten ann an òran a sgrìobh Christy Moore Viva la Quinta Brigada cuideachd. Thogadh carragh-chuimhne dha ann an Dumha Éige fhèin ann an 1984, bliadhnaichean an dèidh a bhàis.

Iomraidhean

  1. Ireland's CW
  2. The Irish and the Spanish Civil War, 1936-39: Crusades in Conflict, 1999, R. A. Stradling, Manchester University Press

Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
This article uses material from the Wikipedia article Tomás Patten, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors).