Toledo

’S e baile meadhanach faisg air Ciudad Real ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Toledo (IPA: toˈleðo).

Toledo
Toledo Toledo
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Toledo
Toledo
Suidheachadh
Dùthaich Toledo An Spàinn
Ceàrn Toledo Toledo
Sgìre Toledo Castilla-La Mancha
Co-chomharran 39° 53' 05' Tuath
04° 02' 42' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 232.1 km²
Àireamh-shluaigh 83,226 (2009)
Dlùths 358.58/km²
Àireamh fòn + 34 925
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Tha e suidhichte aig 515m os cionn ìre na mara, 71km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 550km bho Bharcelona. Tha 83,226 duine a’ fuireach ann an Toledo. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Toledo a th’ann cuideachd.

Freumhan an ainm

B' e Livius a sgrìobh ainm a' bhaile airson a' chiad turais mar Toletum. Bheiereadh sin Toletum → Tollitum, → Tollitu → Tollito, → Tolleto → Tolledo → Toledo. Tha e coltach gur ann à Tholitus (Gàidhlig: cuach-mhullach) ann an Laideann, Chaidh sin arabachadh gu طليطلة (Tulaytulah) agus iùdhachadh gu טולדות (Toldoth).

Eachdraidh

Chaidh am baile a stèidheachadh o chionn linntean leis na Ceiltich. B' e an Ròmanach Marcus Fulvius Nobilior chuir ruaig air na Ceiltich ann an 193 ro Ìosa Crìosd. Thug na h-Arabaich seilbh air Toledo ann an 711 agus b' e àite far an robh Crìosdaidhean, Iùdhaich agus Muslamaich nan tàmh ann an sìth ri chèile fad linntean. Dh' aimeachadh Toldeo prìomh-bhaile na Spàinne an dèidh gun do chuireadh ruaig air na h-Arabaich san 11mh Linn rud an tug sin piseach air eaconomaidh a' bhaile. Chaill e an inbhe seo ann an 1561, nuair a ghluaiseadh am prìomh-bhaile gu Madrid. Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833. Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936. A dh'aindeoin seo, dh'fheuch an Riaghaltas ris a' bhaile fhaighinn air ais. Cuairtich an Arm an Caisteal ann am meadhan a' bhaile agus bha batal mòr fuilteach ann eadar 21 an t-Iuchar agus 26 an t-Sultain 1936. Chaill còrr is 100 duine am beatha san chòmhstri agus bhrosnaich na thachair na Reublataich.

Cruinn-eòlas

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Toledo. Cha tuit ach 342mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 831mm nas lugha na Steòrnabhagh(1173) - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.

Toledo 

Ann an Leabhraichean

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

Tags:

Toledo Freumhan an ainmToledo EachdraidhToledo Cruinn-eòlasToledo Ann an LeabhraicheanToledo Bailtean Co-cheangailteToledo IomraidheanToledo Ceanglaichean A-machToledoAn SpàinnBaileBarcelonaCiudad RealIPAMadridMuirToledo (provincia)

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

FraingisEachdraidh4 an GibleanCeann-fionn2019DonostiaÀiteachasBrabhsair-lìn24 an GibleanUisgeMississippi (abhainn)Cogaidhean na CroiseLee MarvinStaitistearachdAlbaDigital Object IdentifierAn t-SuainCSS1616El SalbhadorCorp-eòlasFreetownGebzeTaigh na h-UiseigJosé Vicente Concha9 an LùnastalRuaraidh MacFhionghainGnothachas1520Dealan1938Cian-chonaltradhNa h-AimearaganTeicneòlas1 an Gearran15043 an CèiteanEòlas-inntinnLeabharlann Nàiseanta Poblachd na SeiceJaén (provincia)MosgoMisael Pastrana BorreroJakartaMatamataigAn Innd-InnseKarachiTaylor Swift1956Rìoghachd eSwatiniFrederick John Robinson, 1d Biocas Goderich162714 an LùnastalHermann HesseReykjavíkCuan SèimhDùn ÈideannAstràiliaAColann1482MarxachasTutankhamunRoinnean na SpàinneMonacoGuatamalaCarles Puigdemont i CasamajóGàidhligBraisilIntegrated Authority FilePaul KarrerBeàrnaraigh na Hearadh🡆 More