Straiton

‘S e baile beag agus Parraist faisg air Cille Mhìcheil air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Straiton.

Straiton
Straiton
Straiton
Suidheachadh
Dùthaich Straiton Alba
Comhairle Siorrachd Àir a Deas
Siorrachd Siorrachd Àir
Co-chomharran 55° 18' 41' Tuath
04° 33' 05' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 211.8 km²
Àireamh fòn +44 (0)1655

Tha e suidhichte ri taobh na Aibhne Gharbhain aig 155m os cionn ìre na mara, eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Am Magh Baoghail anns an Siorrachd Àir a Deas (Siorrachd Àir ro 1975), 19km air falbh bho Inbhir Àir fhèin, 66km bho Ghlaschu, 54km bhon An t-Sròn Reamhar agus 112km bho Dhùn Èideann. ha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd, coilltearachd agus dreuchdan anns na bailtean mòra faisg air Straiton. Tha bùth, taigh-seinnse, taigh-cofaidh, talla agus eaglais ann. A thaobh foghlaim, tha bun-sgoil ann, ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns a' Mhagh Bhaoghail.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à streean agus ton (a tha a' ciallachadh dìreach agus baile) ann an seann Bheurla a tha an t-ainm. Bheireadh sin Baile Dìreach dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. A dh'aindeoin sin, tha cuid sa bhaile fhèin dhen bheachd gur ann à Ysrath (srath) ann an seann Chuimris agus ton (Baile) anns a' Beurla a th' ann. Beireadh sin Baile an t-Sratha dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a toirt cuideam dhan bheul-aithris. Bha seann Chuimris làidir air feadh ceann a deas na h-Alba an dèidh nan Ròmanach agus tha ainmean-àite san t-seann chànan gu math pailt san sgìre.

Eachdraidh

Chaidh eaglais a chlàradh an seo ri linn Alasdair II ged a stèidheachadh am baile ann an 1760 le Tòmas Ceannadach, Iarla Cassilis mar bhaile-oighreachd ged a chaidh na taighean a chithear an latha an-diugh a thogail ann an 1900 le Sir Èideard Hunter Blàr: 's e dìreach am mansa (taigh Traboyack), an taigh-seinnse agus taigh a' ghobhainn a tha air fhàgail bhon na chaidh a thogail anns an 18mh Linn. Rinneadh atharraidhean air an eaglais ann an 1758 agus ann an 1901. Tha an t-oighreachd Blairquhan am broinn na parraist: chaidh caisteal a thogail ann an 1346 agus lùchairt ann an 1820. Tha carragh-chuimhne anabarrach mòr gu Seumas Hunter Blàr à Blairquhan, a chaill a bheatha aig Cath Inkerman ann an 1854, air mullach Creag nan Gobhar, air an àirde an ear a' bhaile. A-rèir carragh-chuimhne san Talla a' Bhaile, fhuair 93 duine à Torthorwald bàs sa Chogadh Mòr agus 35 eile san Dàrna Cogadh.

An-diugh

Tha bun-sgoil bheag ann an Straiton ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns a' Mhagh Bhaoghail. Chaidh am film The Match fhilmeadh an seo ann an 1999. Chleachd an taigh-òsta agus taigh eile. Tha muinntir a' bhaile a' ruith na bùtha agus Talla a' Bhaile Mhic Chundlis ann an co-oibreachadh. 'S e turasachd agus coilltearachd a tha aige cridhe eaconomaidh a' bhaile. 'S e àite fa leth math airson coiseachd agus rothaireachd. Thathar a' ruith rèis gach Lùnasdal bhon a' bhaile shuas dhan charragh-chuimhne os cionn Creag nan Gobhar.

Iomraidhean

Tags:

Straiton Freumhan an AinmStraiton EachdraidhStraiton An-diughStraiton IomraidheanStraiton1975Abhainn GharbhainAlbaAm Magh BaoghailAn t-Sròn ReamharBaileBaile Ùr nan StiùbhartachBun-sgoilCille MhìcheilComhairle Shiorrachd Àir a DeasDùn ÈideannEaconomaidhEaglaisGlaschuInbhir ÀirParraistSiorrachd ÀirTurasachdÀiteachasÀrd-sgoil

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Punnd Sasannach1977An Innd-InnseAn Fhraing4 an t-Ògmhios26 am FaoilleachMusicBrainzClint EastwoodCarles Puigdemont i CasamajóAn t-SuainOllamh1915Am Muir Caraibeach750Na Stàitean AonaichteSzczecin1891197010 an t-ÒgmhiosAibidil LaidinneachTractarAlba19611724CatAstràilia a DeasBànrigh Ealasaid II1287Eugenio MontaleDealanDùthchannan an t-Saoghail3 an GibleanCopenhagenBangladaisAn Ear MheadhanachSegovia23 an GibleanEDealan-spèidPrìomh-DhuilleagOilthigh Chill RìmhinnJosé Vicente ConchaLeasotoBeurlaLaghLuccaAn GibleanEòlas-leighis20111838An LaitbheDùthaich16 an t-IucharGeelongUmha31 an t-IucharÙisdean MacDhiarmaidDumha Éige1996Baile Átha Cliath1991Poblachd DhoiminiciaBangla540an RCGiùlanCalafòrniaSeinneadairCrìosdaidheachdSan Jose, CalafòrniaGàidhlig1379AC3 an t-Iuchar658Neach-poileataigsStar Wars🡆 More