B' e ùghdar Frangach a bh' ann am Marie-Henri Beyle (23 Faoilleach 1783 - 23 Màrt 1842) neo Stendhal (IPA: stɑ̃dal) mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e.
Sgrìobh e tron chiad leth den 19mh linn. Sgrìobh e nobhailean, aistean agus leabhraichean air ealain agus eachdraidh.
Stendhal | |||||
---|---|---|---|---|---|
1810 - 1814
17 dhen Ghiblean 1831 - 22 dhen Dàmhair 1841 | |||||
Beatha | |||||
Ainm slàn | Marie-Henri Beyle | ||||
Breith | Grenoble, 23 dhen Fhaoilleach 1783 | ||||
Dùthaich | An Fhraing | ||||
Ciad chànan | Fraingis | ||||
Bàs | Paris, 23 dhen Mhàrt 1842 | ||||
Àite-adhlacaidh | cladh Montmartre | ||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (stròc) | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Chérubin Beyle | ||||
Màthair | Henriette Gagnon | ||||
Cèile | no value | ||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||||
Foghlam | |||||
Cànain | Fraingis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | sgrìobhadair, fèin-bheatha-eachdraiche, sgrìobhadair leabhair-latha, beatha-eachdraiche, nobhailiche, dioplomat agus art historian (en) | ||||
Obraichean comharraichte | Le Rouge et le Noir La Chartreuse de Parme On Love (en) Memoirs of an Egotist (en) Mémoires d'un touriste (en) Vanina Vanini (en) Lucien Leuwen (en) Armance (en) The Life of Henry Brulard (en) Rome, Naples and Florence (en) Racine and Shakespeare (en) Italian Chronicles (en) Q17358554 | ||||
Duaisean a fhuaras | |||||
Gluasad | fìorachas romantaigeachd | ||||
Far-ainmean | Stendhal, Henri Stendhal, Stendalis, Louis Alexandre Bombet, Anastase de Serpière, Don Flegme, William Crocodile agus Dominique | ||||
Gnè ealain | psychological novel (en) | ||||
Creideamh | |||||
Creideamh | neo-dhiadhaireachd | ||||
IMDb | nm0826543 | ||||
Rugadh e ann an Grenoble air an 23mh latha dhen Fhaoilleach 1783 agus chaochail e ann am Paris air an 23mh latha dhen Mhàrt 1842.
Sgrìobh e na nobhailean Le Rouge et le Noir (1830), La Chartreuse de Parme (1839) agus Lucien Leuwen (nach do chrìonaich e). Thathar dhen bheachd gu bheil a chuid bildungsroman (nobhailean ionnsachaidh) a cheart cho cudromach ris na sgrìobh Honoré de Balzac, Victor Hugo, Gustave Flaubert agus Émile Zola, seach gur e fear dhe na sgrìobhadairean Frangach a bu chliùitiche den 19mh linn a bh’ ann. Lorgaidh Stendhal “am fìoras, am fìoras searbh” anns na nobhailean aige, a sgrìobh e ann an nòs caomhnach dùinte, làn sgrùdaidhean eòlais-inntinn. 'S e sgeulachdan mu dheidhinn òganaich romansach beothail, làn faireachdainnean is leis a’ ghlòir na inntinn, a th’ anns a’ mhòr-chuid dhe na leabhraichean a sgrìobh Stendhal.
Chleachdadh e tòrr ainmean pinn, mar eisimpleir Louis-Alexandre Bombet et Anastase de Serpière a bharrachd air Stendhal agus Stendalis. Thòisich e a’ sgrìobhadh leabhraichean air ealain mar L'Histoire de la peinture en Italie, (Gàidhlig: Eachdraidh a’ Pheantaidh anns an Eadailt), a nochd 1817 fon ainm 'Beyle'. Ach chleachd e an t-ainm “Mgr. Stendhal, oifigear eachraidh” (Fraingis: ”M. de Stendhal, officier de cavalerie”) san dearbh bhliadhna nuair a dh'fhoillsich e Rome, Naples, Florence. Fhuair e an t-ainm pinn sin bhon bhaile Stendal anns a’ Ghearmailt, far an do rugadh Johann Joachim Winckelmann, àrc-eòlaiche, fear-eachdraidh agus aistear air cuspairean ealaine. Dh'fhuirich Stendhal faisg air a' bhaile sin eadar 1807 agus 1808 nuair a bha e a’ sùgradh Wilhelmine de Grisheim. Chuir e an litir H anns an ainm airson gum biodh coltas na bu Ghearmailtiche air, leis gu robh e ag iarraidh gum bìte ga fhuaimneachadh mar 'Standhal'.
Bha e san Arm eadar 1800 agus 1802. Chaidh e a dh'obair airson seirbheis chatharra na Frainge ann an 1810, agus ri linn sin, lean e Napoleon anns an Iomairt an aghaidh na Ruis ann an 1812. Bha e uabhasach dèidheil air ealain agus air an Eadailt is rinn e tòrr tursan an siud.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Stendhal, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.