Steingrímur Hermannsson

B' e innleadair agus neach-poileataigs, riochdaire dioplòmasach à Innis Tìle a bh' ann an Steingrímur Hermannsson (IPA: ˈsteinkrimur ˈhɛrmanˌsɔn).

Rugadh e air 22 an t-Ògmhios 1928 ann an Reykjavík. Bha athair, Hermann Jónasson, na fhorsætisráðherra nuair a bha Hermannsson òg. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík, Institiùd Teicneòlais Illinois ann an Chicago agus Institiùd Teicneòlais California ann am Pasadena. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1971. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) dà thuras: eadar 1983 agus 1987 agus an uair sin bho 1988 gu ruige 1991 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach), ann an sreath cho-bhannan le Sjálfstæðisflokkurinn. Aig ìre eadar-nàiseanta, b' e an rud as motha a rinn e mar phrìomhaire na thachair ann an 1986, nuair a bha e na aoigh aig àrd-choinneamh Reykjavik eadar prìomh neach an Aonadh Sobhiatach Mikhail Gorbachev agus Ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte Ronald Reagan. Ged nach robh e air a mheas mar shoirbheachadh aig an àm sin, chruthaich choinneamh sin an t-slighe air adhart airson deireadh a' Chogaidh Fhuair, agus fhuair na rinn riaghaltas Innis Tìle deagh mholaidhean air feadh an t-sabhail. Phòs Hermannsson dà thuras: aig Sara Jane Donovan (1951) agus Guðlaug Edda Guðmundsdóttir (1962). Chuir Hermannsson bliadhnichean seachad os cionn Seðlabanki Íslands (Gàidhlig: Banca Nàiseanta Innis Tìle). Chaochail e ann an Garðabær air 21 an Gearran 2010. Bha a mhac, Guðmundur Steingrímsson, san Alþingi eadar 2013 agus 2016 fo sgàil Framsóknarflokkurinn agus, mu dheireadh thall, Björt framtíð.

Steingrímur Hermannsson
Steingrímur Hermannsson
Ministear a' Ceartais agus Cùisean Eaglaiseil

10 dhen Dàmhair 1978 - 15 dhen Dàmhair 1979
Ólafur Jóhannesson - Vilmundur Gylfason (en) Translate
Minister of Agriculture (en) Translate

10 dhen Dàmhair 1978 - 9 dhen Dàmhair 1979
Halldór Eggert Sigurðsson (en) Translate - Bragi Sigurjónsson (en) Translate
Ministear Iasgaich

8 dhen Ghearran 1980 - 21 dhen Ògmhios 1983
Kjartan Jóhannsson - Halldór Ásgrímsson
Minister of Transport (en) Translate

8 dhen Ghearran 1980 - 21 dhen Ògmhios 1983
Magnús Helgi Magnússon (en) Translate - Matthías Bjarnason (en) Translate
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

26 dhen Chèitean 1983 - 8 dhen Iuchar 1987
Gunnar Thoroddsen - Þorsteinn Pálsson
Ministear nan Dùthchannan Cèin

10 dhen Dàmhair 1987 - 9 dhen Dàmhair 1988
Matthías Árni Mathiesen (en) Translate - Jón Baldvin Hannibalsson (en) Translate
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

28 dhen t-Sultain 1988 - 30 dhen Ghiblean 1991
Þorsteinn Pálsson - Davíð Oddsson
Beatha
Breith Reykjavík, 22 dhen Ògmhios 1928
Dùthaich Steingrímur Hermannsson Innis Tìle
Bàs Reykjavík, 1 dhen Ghearran 2010
Teaghlach
Athair Hermann Jónasson
Clann
Foghlam
Foghlam Institiùd Teicneòlais California
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, dioplomat, fèin-bheatha-eachdraiche, sgrìobhadair agus einnseanair
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Adhartach

Caibineitean Hermannsson

Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Hermannsson os cionn an riaghaltais. Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:

  • Steingrímur Hermannsson: Prìomhaire
  • Geir Hallgrímsson: (gu ruige 24.01.1986) Dùthchannan Cèin
  • Albert Guðmundsson: (gu ruige 16.10.1985) Ionmhais agus (bho 16.10.1985 til 24.03.1987) Gnìomhachas
  • Alexander Stefánsson: Cùisean Sòisealta
  • Halldór Ásgrímsson: Iasgach
  • Jón Helgason: Àiteachas, Ceartas agus Cùisean Eaglaiseil
  • Matthías Bjarnason: (gu ruige 16.10.1985) Slàinte is Tèarainteachd Shòisealta, Còmhdhail agus (bho 16.10.1985) Malairt
  • Matthías Á. Mathiesen: (gu ruige 16.10.1985) Malairt, Ministear na Staitistig agus (bho 24.01.1986) Rùnaire na Stàite
  • Ragnhildur Helgadóttir: (gu ruige 16.10.1985) Foghlam agus (bho 16.10.1985) Slàinte agus Tèarainteachd Shòisealta
  • Sverrir Hermannsson: (gu ruige 16.10.1985) Gnìomhachas agus (bho 16.10.1985) Foghlam
  • Þorsteinn Pálsson: (bho 16.10.1985 gu ruige 24.03.1987) Ionmhais agus Ministear na Staitistig (bho 24.03.1987) Gnìomhachas

Iomraidhean

Ro-theachdair:
Gunnar Thoroddsen
(1983)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Þorsteinn Pálsson
(1987)
Ro-theachdair:
Þorsteinn Pálsson
(1988)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Davíð Oddsson
(1991)

Ceanglaichean a-mach

Tags:

19281951196219711983198619871988199120102013201621 an Gearran22 an t-ÒgmhiosAlþingiAn t-Aonadh SobhiatachAthairBjört framtíðChicagoFoghlamFramsóknarflokkurinnGarðabærGuðmundur SteingrímssonGàidhligHermann JónassonIPAInnis TìleInnleadairInstitiùd Teicneòlais CaliforniaInstitiùd Teicneòlais IllinoisMenntaskólinn í ReykjavíkMikhail GorbachevNeach-poileataigsPasadenaPrìomh-mhinistearPrìomh-mhinistear Innise TìleReykjavíkRiochdaire dioplòmasachRonald ReaganSjálfstæðisflokkurinnStàitean Aonaichte

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

85The Lord of the Rings (leabhar)ImleagAn DanmhairgEaconomaidh2001Co-mhaoineas92Robert Bruce MerrifieldCleasaicheLuís Vaz de CamõesGeòlasPablo PicassoEabhra1833Maria Skłodowska-CuriePrìomh-mhinistear Innise TìleK. Barry SharplessTroighGeorg Wilhelm Friedrich HegelRìoghachd eSwatiniIoràcÀrc-eòlasAna CasaresCultar17 an Giblean37IslamabadBeiliseBorneoMartin HeideggerAn t-Eilean GainmhichWikimediaJean-Jacques RousseauCaol-an-dùirn15991259Airgead (meatailt)TiùbaInterlinguePoblachd na SìneOtto von BismarckSeelbach (Schutter)Eadar-lìonDamhan-allaidhGualPetrópolisLuibh-eòlasMogadishuSluagh-Phoblachd na SìneArabaisCànanDhakaCearcCreideamhJarosław Dąbrowski12Peppa Pig160725 am FaoilleachOsàidea a DeasDi-ArdaoinTamailisISOGMosgo1815120078Marie AntoinetteArnhemÙrnaigh an TighearnaTeaghlach🡆 More