Anns a’ bhliadhna 1960, dh’aontaich an 11mh Comhairle Ginearalta air Cuideaman agus Tomhaisean ris an ainm Système International d'Unités, 'sa Ghàidhlig: Siostam Eadar-nàiseanta nan Aonadan, agus ris a’ ghearr-sgrìobhaidh eadar-nàiseanta SI , airson an siostam de aonadan-thomhais practigeachd a chaidh air mholadh leis a’ chomhairle.
Tha an SI stèidhichte air seachd bun-aonad. Air barrachd na bun aonadan, dh’aontaich an 11mh Comhairle Ginearalta, riaghailtean airson ro-ainmean, airson aonadan-leasaichte, agus airson gnìomhan eile.
Is àlach de aonadan sàr-shònraichte, a tha anns an seachd bun-aonad. Gabhar, le àbhaisteas, gu bheil gach bun-aonad a’ tomhais bun-feart a tha neo-eisimeileach ri càch air taobh seòladh. Is iad na bun-aonadan:
Tha na aonadan-leasaichte cruthaichte as bun-aonadan co-cheangailte. Tha cruth de gach aonad-leasaichte a reir an cairdeas ailseabrachd eadar a bhun-fheartan.
Tha ainmean (agus comharraidhean) sònraichte ri na h-aonadan-freumhaichte bu cudthromach. Far a bheil ainm sònraichte do aonad-freumhaichte, faodar don ainm is comharra a bhi cleachdadh an tuairsgeulan agus mar phàirt de aonadan ro-leasaichte.
Chan eil an SI na shiostam reòite, ach thèid a leasachadh gu leantainneach mu choinneamh sàr-fheuman tomhais de shaidheans agus teicneòlas.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Siostam Eadar-nàiseanta nan Aonadan, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.